Òran air a sgrìobhadh le: Èideard Pursell (Ìomhar MacSporain) agus air a sheinn le: alyth nicCharmaig, Anna Latharna NicGillìosa, còisir ghàidhlig an òbain agus Karen NicMhathain.
This is a song written by: Èideard Pursell (Ìomhar MacSporain) and sung by: alyth nicCharmaig, Anna Latharna NicGillìosa, còisir ghàidhlig an òbain and Karen NicMhathain.
Sèist / Chorus
Thug thu dhìoms' a' ghrian 's an speur,
Faill ill ò hug ò ro è,
Spìon thu asam mùirn mo chlèibh,
Faill ill ò hug ò ro èile.
Gheall mo ghràdh dhomh sìoda is sròl,
Còmhdach rìomhach is seudan òir,
Gheall e mire is blastachd beòil,
Is caithream chlàr a dhùisgeas òrain.
Fuar a chrè air rèidh a' bhlàir,
Fàth mo bhròin is cùis mo chràidh,
Dìomhain deòir a' ruith chun làir,
Dìomhain cridhe nach diùltadh annsachd.
Cò om faigh mi biadh air bòrd,
Thrèig mo shòlas, is m' àilleachd neòil,
Thrèig mo stiùir, mo ràmh, mo sheòl,
Dh'imich saoidh nan dualan òr-bhuidhe.
Dìobradh damh a mhang san fhrìth,
Dìobradh eala a h-ealag fhìn,
Dìobradh màthair rùn a cridhe
'S mi gun dàimh, gun ghaol, gun dìonadh.

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghàidheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na ...
Fiosrachadh air Karen NicMhathain / Learn more about Karen NicMhathainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.