Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Gilbert MacPhàil.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Gilbert MacPhàil.
Sèist / Chorus
O hiùraibh ì hiùraibh,
O hiùraibh ò gheallaidh,
Bheir mi hò na hò èile,
'S e bhith rèidh riut bu mhath leam.
Toirt m' aghaidh ri Diùra
'S mo chùl ri Port Ascaig,
Shil gu frasach mo shùilean,
'S gun mo dhùil ri tighinn dhachaigh.
Nuair chuir iad air bòrd thu
Air long nan trì chrannaibh,
'S iomadh tè bha gu tùrsach,
'S deòir a' sruthadh gu talamh.
Cha chreidinn o chàch e
Thu bhith fàgail a' bhaile,
Gus an robh na siùil bhàna
Gan càradh ri crannaibh.
Bu tu leannan nan gruagach,
'S tu uasal is maiseach,
Gruaidhean meachair mar mhaighdeann,
Sùil an t-saighdeir fod mhalaidh.
Tha thu foghainteach làidir,
Tha thu tàbhachdach smearail,
Dol an èideadh a' Ghàidheil,
Air an tràigh bu tu 'm meangan.
Gaol peathar, gaol bràthar,
Gaol màthar, is athar,
An gaol a thug mi cha trèig mi
Gus an tèid mi san anart.
Rugadh Gilbert MacPhàil ann am Bogha Mòr an Ìle ach thogadh e ann an taigh a sheanair am Baile a' Ghràna. Cha robh facal Beurla ...
Fiosrachadh air Gilbert MacPhàil / Learn more about Gilbert MacPhàilCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.