Togaibh a' Bhratach

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Caimbeul (Bàrd na Leideig) agus air a sheinn le: aonghas macLeòid agus Kirsteen NicDhòmhnaill.

This is a song written by: Iain Caimbeul (Bàrd na Leideig) and sung by: aonghas macLeòid and Kirsteen NicDhòmhnaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Togaibh a' bhratach a chlanna mo shluaigh-sa,
Togaibh le caithreim i, togaibh le buaidh i.
B' i dìleab bhur sinnsre an fhìor-fhuil gun truailleadh
A chumadh an àird sinn 's gach càs agus cruadal.

Siud an fhuil Ghàidhealach bha ceannsgalach buadhmhor
Luchd-caitheamh an fhèilidh is breacan na guaille
Cha teicheadh ro nàmhaid 's chan fhaicte 's an ruaig iad.
'S bu làidire dh'fhàsadh mar b' àirde an cruaidh-sa.

Nuair chìte air faich' iad len deiseachan uaine,
A' siubhal an rathaid 's a' phìob a' toirt fuaim dhaibh
Ri aodann a' chatha 's rughadh nan gruaidhean
O cà' bheil an cridhe nach tiomadh san uair ud?

'S ged seasmhach an spiorad nach pilleadh ron fhuathas
Sùil chorrach nan aodann nach faoidteadh a ghluasad
Cò shaoileadh san tràth ud an spàirn ghoirt a fhuaradh,
A' dealach' ran leannain an gleannan an uaigneis?

Faic iad a-nis fìor luchd-fine nam fuar-bheann,
Dìreadh le braise gun athadh ron uamhas;
Gach gunna ri làmhach an nàmh tighinn a-nuas orr',
Ach rinn sinn an ciosnach' ged mhill iad mo luaidh-se.

Cò 'm fear ud a chì mi na shìneadh gun ghluasad?
'N fhuil chraobhach a dìobradh 's gun aon a nì fuasgladh;
Fhalt camagach bòidheach na dhubh-lùban cuachach,
A snàmh anns a ghaoith 's gun aon-ghaoil ann bheir dual às.

Tha 'n claidheamh 's e sìnte a-nìos ri d' chrios-guaille,
'S e fhathast a d' ghlaic tha air glasadh 's air fuaradh;
'S ma rinn thu daibh strìochdadh 's ann dìleas a fhuaradh,
'S triùir naimhdean nan sìneadh 'n uair spìon thu a d' thruaill e.

Tha am breacan bha deas ort air preasadh le ruaidhe,
Is sruthan na fala toirt dath às an uaine;
Tha d' inntinn a' sìoladh 's an rìbhinn ad smuaintean,
Is mànran a beòil a' toirt ciùil ann ad chluasan.

'S an oidhche mun d' fhàg thu bu chràiteach an smuain ud
Guthan rabhaidh ag ràdh nach robh dàil anns an uair dhut;
Cha b' iongnadh, a ghràidh, ged bha thu ga d' chàradh,
Is tanasg a' bhàis, geurach fhàl ga d' thoirt bhuam-sa.

O 's truagh mi da-rìribh bhon dh'innseadh an tuairsgeul,
Mo chridh' tha air lìonadh 's mo bhàs gan sìor bhualadh;
Tha esan glè ìosal mun tric rinn mi bruadar,
'S cha chlaidheamh a mhill e, ach innleachd na luaidhe.

Is càch nuair thig dhachaigh le caithream 's le luath ghàir',
Bidh mise glè fhalamh gun charaid san uair ud;
Is ghuidhinn am bàs gun mo làithean toirt buain dhomh,
Nam faighinn gu bràth bhi ga m' chàradh san uaigh leat.

Seinneadairean / Performers

Kirsteen NicDhòmhnaill

Kirsteen NicDhòmhnaill

Rugadh Kirsteen NicDhòmhnaill air an 18mh den Dùbhlachd, 1983. Thogadh i ann an Inbhir Nis, ged is ann à Polnish, Loch Àilleart ann an sgìre ...

Fiosrachadh air Kirsteen NicDhòmhnaill / Learn more about Kirsteen NicDhòmhnaill

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.