Tionndadh am Bàt'

Òran air a sgrìobhadh le: murchadh iain moireasdan agus air a sheinn le: Murchadh Iain MacCoinnich.

This is a song written by: murchadh iain moireasdan and sung by: Murchadh Iain MacCoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tionndadh am bàt' agus till leam a-null,
'S a dh'ionnsaigh mo phàiste gun tèid mi le fonn,
Dèan gluasad gun dàil gus am faigh mi a geall,
Tionndadh am bàt' agus till leam a-null.

A dh'aindeoin 's na thriall mise, deas agus tuath,
Chaoidh chan iarr mi à baile mo luaidh,
'S ann tha mo rùn-sa a' gabhail gach latha
'S tha làrach a ceum far na dh'èirich i 'n-àird.

Gad ionndrainn, gad ionndrainn, 's mi seòladh a' chuain,
Chan eil madainn no oidhche nach eil thu nam smuain;
Gad choimhead nam dhùsgadh, gad choimhead nam shuain,
O, fiamh do ghnùis 's e dhrùidh mi a luaidh.

'S ma leanas tu mise 's gum faigh mi do làmh,
Nì sinn ar slighe chun altair gun dàil,
'S ann an sin bhios an ceangal bhios daingeann a ghràidh,
'S bheir sinn bòidean a' phosaidh a sheasas gu bràth.

Seinneadairean / Performers

Murchadh Iain MacCoinnich

Murchadh Iain MacCoinnich

Rugadh Murchadh Iain MacCoinnich, Murdo John na Mol, ann an Cros, ann an Nis, Leòdhas, air 6 Ògmhios 1943. B' e Murchadh a bh' air ...

Fiosrachadh air Murchadh Iain MacCoinnich / Learn more about Murchadh Iain MacCoinnich

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.