Òran air a sgrìobhadh le: Calum Màrtainn agus air a sheinn le: island express.
This is a song written by: Calum Màrtainn and sung by: island express.
Nuair a ruigeas mi 'n cuan is a nì mi mo shlighe,
Gun eilean a dh'fhàg mi glè òg,
Bidh mo chàirdean is m' eòlaich a' feitheamh rium ann
Le fiamh ghàire is dùrachd le pòg.
Sèist / Chorus
Tha iomadach bliadhna bho dh'fhàg mi mo thìr,
Dol a sheòladh na seachd cuantan mòr,
Thar gach rìoghachd is baile a tha fo na neòil,
B' e mo ghuidhe a bhith 'n Eilean Leòdhais.
Tha a' ghealach shlàn ag èirigh os cionn a' bheinn mhòir,
Tha 'n oidhche cho brèagha is cho ciùin,
Sinn a' coiseachd nur òige tron a' bhaile le spòrs,
Gun fios dè th' air thoiseach na smuain.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.