Thug Mi Mo Làmh don Eileanach

Òran air a sgrìobhadh le: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) agus air a sheinn le: anna bruce, mòrag m. mhoireach agus rhona i. mhoireasdan.

This is a song written by: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) and sung by: anna bruce, mòrag m. mhoireach and rhona i. mhoireasdan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Thug mi mo làmh don Eileanach,
Ged theireadh càch nach toigh leam thu;
A fhleasgaich bhàin nan sùilean tlàth
Gur tu mo ghràdh 's cha cheil mi e.

Ged theireadh luchd an tuaileis riut
Gun tug mi gaol don tuathanach,
'S mór gur feàrr leam thusa, ghaoil,
Na tha chrodh-laoigh air bhuaile aig'.

Cha chùram duinn 's an t-slàint' againn,
Ged tha gruaim mo chàirdein rium;
Gun seòl mi leat thar bhàrr nan stuadh
'S taobh thall den chuan gun gluais mi leat.

Tha m' inntinn-sa cho sòlasach
On fhuair mi 'n ceangal pòsaidh riut;
'S a-nochd fhèin cha dèanainn suaip
Ged gheibhinn duais Bhictoria.

Gur e mo ghaol an t-òganach
Tha dreachmhor, uasal, foghlaimte;
Is ìomhaigh 'n t-saighdeir ann ad ghnùis,
'S gun siùbhlainn fhìn 'n Roinn Eòrpa leat.

Gur glan, deas, dìreach, pearsant' thu,
'S bidh claidheamh an truaill mar chleachdadh ort,
'S gur àilleagan, le mìle sùil,
Fo fhèile ùr nam pleata thu.

Gur tric a dh'fhalbh mi còmhla riut
A shealgaireachd nam monaidhean;
'S bu lìonmhor geàrr is coileach-fraoich
An làimh an laoich sa ghlomanaich.

Gun d' fhuair mo chàirdean coire dhomh
O'n latha chaidh mo shloinneadh riut,
Ach gus an càirear mi san uaigh
Cha toir mi fuath don Eileanach.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.