Thug Mi Gaol don Fhear Bhàn

Òran air a sgrìobhadh le: tè dè mhuinntir loch abar agus air a sheinn le: Peigi Bhoidhd.

This is a song written by: tè dè mhuinntir loch abar and sung by: Peigi Bhoidhd.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Thug mi gaol, thug mi gaol,
Thug mi gaol don fhear bhàn;
Agus gealladh dhutsa, luaidh;
O cha dual dhomh bhith slàn.

Chaidh am bàta tron chaol
Leis na daoine Dimàirt;
'S mise phàigh am faradh daor,
Bha mo ghaol air a clàr.

Chunnacas long air a' chuan
'S i cur suas nan seòl àrd;
Nuair a dhiùlt i cur mun cuairt
Bha mo luaidh-s' air an t-snàmh.

Tacan mun do laigh a' ghrian
Bha mi 'm fianais mo ghràidh;
Tha e nis an grunnd a' chuain;
O, gur fuar àite tàimh.

Bha mi bruadar a-raoir
A bhith 'n caoimhneas rim ghràdh;
'S nuair sin thug e rium a chùl
Shil mo shùilean gu làr.

Bha mi deas is bha mi tuath,
Bha mi 'n Cluaidh uair no dhà;
Dheth na chunna mi fon ghrèin
Thug mi spèis don fhear bhàn.

Cha tèid mise thaigh a' chiùil;
Thuit mo shùgradh gu làr,
Bhon a chualas thusa, rùin,
Bhith sa ghrunnd far nach tràigh.

Cuspair an Òrain

Seo mar a dh'innis Eòghann Mac a' Phì sgeul an òrain air prògram Gàidhlig a' BhBC air 25 Cèitean, 1953.

"B' ann à Loch Abar a bha a' mhòr-chuid de na saighdearan a bha ann an Rèiseamaid Hunndaigh, no Na Gòrdanaich mar a theirear riutha, nuair a chaidh an rèiseamaid sin a thogail an toiseach. Is cha b' ann len deòin a chaidh cuid dhiubh ris an t-saighdearachd. Chuireadh romhpa gu feumadh iad a dhol don rèiseamaid no nach biodh cead aca fuireach air an oighreachd.

Bha càraid òg am measg chàich a bha air ùr phòsadh agus a chùm nach biodh iad gun dachaidh ghabh an gille òg dhan rèiseamaid ùr.

An uair a bha na fir gan cuir thar sàil chaidh ise a dh'fhàgail beannachd le fear a gaoil, agus air don t-soitheach cur ri sàil, sheas esan air a' chlàr-uachdrach a' sìor amharc air ais air an tìr a b'fheudar dha fhàgail.

B' ann a' sin a bha e an uair, le drid fhortan, a thuit e thar a cliathaich is chaidh a bhàthadh.

Cho luath 's a chuala a bhean òg mar a thachair, chuir i an cèill meud a bròin anns an òran seo."

Seinneadairean / Performers

Peigi Bhoidhd

Peigi Bhoidhd

B' ann ann an Earsairidh, ann am Barraigh, a rugadh Peigi Bhoidhd (Peigi Bhochanan, 1904-1992) ach ghluais an teaghlach dhan Àird Mhòir nuair a bha ...

Fiosrachadh air Peigi Bhoidhd / Learn more about Peigi Bhoidhd

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.