Throid A' Bhean 'S Gun Throid I Rium

Òran air a sgrìobhadh le: Niall Peutan (Niall Gow) agus air a sheinn le: Dòmhnall MacAonghais.

This is a song written by: Niall Peutan (Niall Gow) and sung by: Dòmhnall MacAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Throid a' bhean 's gun throid i rium
Throid i dona 'n raoir co-dhiù,
Thuirt i, Nèill, tha thu gun tùr,
Bliadhn' ùr agad an-còmhnaidh!
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

'S nuair a dhùineas iad am bàr
Thèid thu dhachaigh, 's tu cho làn;
'S ann air screw top bheir thu làmh
Bi dhà agad dhiubh 'n-còmhnaidh!
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

'S bi h-uile seòrsa measg a chèil'
Johnny Walker agus Haig
White Horse 's am Bulloch Lade
'S an ruma fhèin gan còmhdach.
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

'S tha thu sean gu leòr mar tha
Tha thu leth-cheud bliadhn' an-dràst'
Òl an t-uisg' airson do shlàint'
Is fàg na taighean-òsta.
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

Tha thu gearan fuachd gach là
Is nach eil thu dol nas fheàrr,
Ach nach fhaigh thu cure nas fheàrr
Na bhith aig bàr a' Royal.
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

'S throid i riums' air dòigh neo dhà
'S bha fhios a' m fhin nach robh i ceàrr;
Mar sguir thu dhan deoch gun dàil
Gheibh thu bàs gun tròcair.
O throid a' bhean,'s gun throid i rium
Throid i dona a-raoir co-dhiù,
Thuirt i, Nèill, tha thu gun tùr
Bliadhn' ùr agad an-còmhnaidh!
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall MacAonghais

Dòmhnall MacAonghais

Bhuineadh Dòmhnall MacAonghais, Dòmhnaill Ailig Aonghais Beasadh (1923-1993) do Ghearraidh-lapain aig Ceann na Coille, mu thrì mìle a-mach à Port Rìgh air rathad an t-Sruthain. ...

Fiosrachadh air Dòmhnall MacAonghais / Learn more about Dòmhnall MacAonghais

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.