Òran air a sgrìobhadh le: Rob MacAoidh (Rob Donn) agus air a sheinn le: iain macAoidh agus còisir ghàidhlig an òbain (Fìr).
This is a song written by: Rob MacAoidh (Rob Donn) and sung by: iain macAoidh and còisir ghàidhlig an òbain (Fìr).
Sèist / Chorus
Thèid mi cuide riut don bhaile bheag ud thall,
'S nì sinn rudeigin mun till sinn a-nall,
Thèid mi cuide riut don bhaile bheag ud thall.
Duine sona, saoghalt' thu
Mas e 's gun dèan i taobhadh riut,
Cha bhi dad de shaothair ort
Ach sìneadh ris na àm.
Chan eil clach à gàrradh agad,
Chan eil taigh taigh ra bhàrradh agad,
Faodaidh tu chiad ràithe sin
Do làmhan chur mud cheann.
Oir tha sibh làidir de foghainteas,
'S gun dèan na càirdean cobhair ort
'S fheàrr leam anns an t-sabhal thu
Na gobhair agus meann.
B' fheàrr dhut tè a dh'oibricheadh
Gnìomh na tuath mar thigeadh i,
Na òinseach ghòineach, spidealach,
'S dos ribein air a ceann.
Chan eil leac no dòrnaig uat,
No croman thèid san òtrach uat,
Poit a dh'easbhaidh clòsaigeadh,
No bòrd a thèid na ceann.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.