Òran air a sgrìobhadh le: Ealasaid Ros (A' Bhaintighearna D'Oyly) agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig phort rìgh agus Sineag Nic an t-Saoir.
This is a song written by: Ealasaid Ros (A' Bhaintighearna D'Oyly) and sung by: còisir ghàidhlig phort rìgh and Sineag Nic an t-Saoir.
Sèist / Chorus
Thàinig an gille dubh raoir don bhaile seo;
'S trom mo cheum on thrèig mo leannan mi;
Thàinig an gille dubh raoir don bhaile seo.
Is mis' tha gu tinn le goirteas mo chinn;
'S ged rachadh mi an chill, cha till mo leannan rium.
M' ulaidh 's mo ghràdh fear dubh agus bàn;
Chan innis mi chàch gu bràth do ghealladh dhomh.
Is iomadh bean òg, le sìoda agus sròl,
A chunntadh le deòin, mu chrò, crodh-bainne dhut.
Is guirme do shùil nan dearcag fon driùchd;
'S gur finealt do ghnùis na ùr-ròs mheanganan.
Sealgair a' gheòidh 's an lach air an lòn;
'S nam biodh i nad chòir gun leòinte a' mhaigheach leat.
Stiùirich a' chuain, air bharraibh nan stuadh,
Ri latha fliuch, fuar, mo luaidh de fhearaibh thu!
Mo bheannachd ad dhèidh, ma dh'fhàg thu mi fhìn;
Ach guidheamaid cèile beusach, banail dhut.

Rugadh agus thogadh Sìneag Nic an t-Saoir ann an Cille Pheadair ann an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Sineag Nic an t-Saoir / Learn more about Sineag Nic an t-SaoirCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.