Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Maighread Stiùbhart.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Maighread Stiùbhart.
'S gann nach gabhainn an t-eagal
Ro aon mhac breabadair beò
Mharbhainn feòil dhut is sitheann
Latha nach figheadh an clò.
Mharbhainn feòil dhuit is sitheann
Latha nach figheadh an clò
Bheirinn fèidh thar na monaidh
'S bheirinn bric às na lòin.
Bheirinn fèidh thar na monaidh
'S bheirinn bric as na lòin
Leis an t-sneachd bhiodh air m' fheusaig
'S gann gu lèir dhomh mo bhròg.
Leis an t-sneachd bhiodh air m' fheusaig
'S gann gu lèir dhomh mo bhròg
'S gann gu lèir dhomh nas fhaisg orm
Na lorg a' bhat' tha nam dhòrn.
'S gann gu lèir dhomh nas fhaisg orm
Na lorg a' bhat' tha nam dhòrn
Tha sneachd air Druim Uachdair
Far 'n robh mi cualach nam bò.
Tha sneachd air Druim Uachdair
Far 'n robh mi cualach nam bò
'S ann do nighean fear Donnchaidh
A thug mi 'n tromaghaol 's mi òg.

Rugadh Maighread Stiùbhart air 12 Ògmhios 1956, agus thogadh i ann an Col Uarach, Leòdhas. Bha seinn agus bàrdachd mun cuairt oirre nuair a bha ...
Fiosrachadh air Maighread Stiùbhart / Learn more about Maighread StiùbhartBBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.