Tha Nì Sònraichte Air M' Aire

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Ailean Dòmhnallach agus air a sheinn le: Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Beag Pàdraig Smith).

This is a song written by: Dòmhnall Ailean Dòmhnallach and sung by: Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Beag Pàdraig Smith).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Air fath li ni li, li ni niudh, li ni nillidh
Air fath li ni li, li ni niudh, 's hi ho ro:
Air fath li ni li, li ni niudh, li ni nillidh;
Chan eil àite air an talamh nach fhanamaid beò

Tha ni sònraichte air m' aire
B' e mo mhiann bhith ga aithris -
Tha e daonnan nam shealladh,
A' cur m' aighear gu bròn;
'S ged a bhithinn cho maireann
'S cho buain le Mac-Talla,
Bidh mo chridhe ga aiseag
Gu madainn na h-òige'.

'S ged a gheibhinn gach saidhbhreas
Na tha sgrìobht' aig an oighreachd,
Chuireadh mais' agus loinn
Far 'n robh oillt dhaoine mòr'
B' fheàrr leam cadal air cluasaig
Far an duisginn gun uallach
Na bhith snàmh chun na gualainn
Air feadh chuantan dhen òr.

O, nach fhaicinn aon sealladh
Mu sìn mi san anart
Air an sprèidh bha mi 'g aire
Feadh gleanntan nan ceò
Gun tig luaths air mo bhilean
'S bidh mo shùilean a' sileadh,
A' smaointinn nan chridhe
Nach till iad nas mò.

Tha gach cnoc agus carnan
Tha gach tobht' agus garradh
Far 'm bu tric an do dh'fhàg mi
Mo làrach gun bhròig;
Nis bhon thàinig an caochladh,
Chan fhaic mun crodh-laogh ann
Ach fasadh fo chaoraich
Far an robh raointean den eòrn'.

Seinneadairean / The Performers

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.