Tha Na h-Uain Air An Tulaich

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: janice nicGuaire agus Màiri NicAonghais.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: janice nicGuaire and Màiri NicAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha na h-uain air an tulaich a' mire san fhraoich
Far 'eil caorann a' fàs agus blàths air gach flùr
Far 'eil caorann a' fàs agus blàths air gach flùr
'S an loingeas a' seòladh nan cuantan.

Bean na bainnse 's a cuideachd dhan eaglais a' falbh
Ise marcachd air thoiseach 's a cruth mar a dealbh
Agus mise ga leantainn gu trom airtnealach balbh
Is mo ghràdh dol a phòsadh fear eile.

Aig an altair na seasamh 's a fear-pòsta ri taobh
Cur an fhàinne mu meòir 's a' toirt bòidean a' ghaoil
Thuirt an gill' air a shocair, "Mo ghràdh dhut chan aom
Ged a tha thu nis pòst' aig fear eile".

Aig doras na h-eaglais a' coimhead an triall
B' e m' ùrnaigh 's mo ghuidhe gun glèidhinn mo chiall
Mo ghràdh dhut chan àicheadh an gaol a bh' ann riamh
Ged a tha thu nis pòst' aig fear eile.

O cladhaich an uaigh far am faigh mise tàmh
'S cur na flùran oirr' thairis 's bheir an t-Earrach orr' fas
Agus sìn mi fon ghlasaich far an laigh mi gu bràth
Cha chur nì ach am bàs i às m' aire.

Eadar-theangaiche: Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain

Seinneadairean / Performers

Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.