Tha Mise Fo Mhulad san Àm

Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam Ros agus air a sheinn le: Seumas Caimbeul.

This is a song written by: Uilleam Ros and sung by: Seumas Caimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha mise fo mhulad san àm,
Chan òlar leam dram le sunnd;
Tha durrag air ghur ann am chàil
A dh'fhiosraich do chàch mo rùn;
Chan fhaic mi dol seachad air sràid
An cailin bu tlàithe sùil -
'S e sin a leag m' aigne gu làr
Mar dhuilleach o bhàrr nan craobh.

A ghruagach as bachlaiche cùl,
Tha mise gad ionndrainn mòr;
Ma thagh thu deagh àite dhut fèin,
Mo bheannachd gach rè gad chòir;
Tha mise ri osnaich nad dhèidh
Mar ghaisgeach an dèis a leòn,
Na laighe san àraich gun fheum,
'S nach tèid anns an t-sreup nas mò.

'S e dh'fhàg mi mar iudmhail air treud,
Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi,
Do thuras thar chuan fo bhrèid,
Thug bras shileadh dheur om shùil;
B' fheàrr nach mothaichinn fèin
Do mhaise, do chèill 's do chliù,
No suairceas milis do bhèil
As binne na sèis gach ciùil.

Gach anduin' a chluinneas mo chàs
A' cur air mo nàdar fiamh,
A' cantainn nach eil mi ach bàrd
'S nach cinnich leam dàn as fiach –
Mo sheanair ri pàigheadh a mhàil
Is m' athair ri màileid riamh –
Chuireadh iad gearrain an crann
Is ghearrainn-sa rann ro cheud.

Is fad' a tha m' aigne fo ghruaim,
Cha mhosgail mo chluain ri ceòl,
Mi 'm breislich mar ànrach a' chuain
Air bharraibh nan stuagh ri ceò;
'S e ionndrainn d' àbhachd bhuam
A chaochail air snuadh mo neòil,
Gun sùgradh, gun mhire, gun uaill,
Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir.

Cha dùisgear leam ealaidh air àill',
Cha chuirear leam dàn air dòigh,
Cha togar leam fonn air clàr,
Cha chluinnear leam gàir nan òg;
Cha dìrich mi bealach nan àrd
Le suigeart mar bha mi 'n tòs,
Ach triallam a chadal gu bràth
Do thalla nam bàrd nach beò.

Seinneadairean / Performers

Seumas Caimbeul

Seumas Caimbeul

Rugadh Seumas Caimbeul anns a' Ghnìopa san Eilean Sgitheanach ann a' 1945, an latha mu dheireadh den Dàrna Cogadh - an t-isean deireadh linn aig ...

Fiosrachadh air Seumas Caimbeul / Learn more about Seumas Caimbeul

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.