Òran air a sgrìobhadh le: Maighread NicAonghais agus air a sheinn le: Jenna Chuimeanach.
This is a song written by: Maighread NicAonghais and sung by: Jenna Chuimeanach.
Sèist / Chorus
Tha mi fo chùram a dhiù ro èileadh
Tha mi fo chùram, 's fo mhòran tùrsa
'S mo cheist air cùirteir a' bhroillich ghlè-ghil
Tha mi fo chùram a dhiù ro èileadh.
Tha mi fo ghruaimean 's gur fhad on uair sin
Ma ghaol a' bhuachaill', 's cha chual' e fhèin e.
Ma gheibh mi airgead a bheir air falbh mi
Gu lean mi Tormod 's cha dealaichinn fhèin ris.
Mo cheist an cìobair tha 'n cois na frìthe
'S mo chridhe 'g innse nach dèan e feum dhomh.
Nach mi bha gòrach an dùil ri pòsadh
Gun stoc, gun stòras, gun òr, gun Bheurla.
Mo cheist an t-òigfhear dhan fhine Leòdach
Le meud mo ghòraich gur mòr mo spèis dhut.
Mo cheist an t-uasal le bhreacan guailleadh
Chaidh seachad suas air Diluain na Fèilleadh.

'S ann à Inbhir Nis a tha Jenna Chuimeanach o thùs. 'S i an seinneadair Criosaidh Nic a' Phiocair a màthair agus tha piuthar nas ...
Fiosrachadh air Jenna Chuimeanach / Learn more about Jenna ChuimeanachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.