Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacCoinnich (Bàrd Cnoc Chùsbaig) agus air a sheinn le: cluicheadairean a' rubha (Dràma) agus Murdigan Dòmhnallach.
This is a song written by: Uilleam MacCoinnich (Bàrd Cnoc Chùsbaig) and sung by: cluicheadairean a' rubha (Dràma) and Murdigan Dòmhnallach.
The mi duilich, duilich, duilich
The mi duilich, duilich, tha
The mi duilich, duilich, brònach,
Fàgail Steòrnabhagh mo ghràidh.
Chan eil dùil a'm tilleadh tuilleadh,
Ma thèid mu idir gu sàl;
'S falt mi chinn 's e dhòmhs' ag innseadh
G' eil mo thìde gu bhi 'n àrd.
'S e an nì tha ga mo ghluasad,
Freasdal thigh'nn mun cuairt le bàs;
Mi leanntainn mo chiad-ghin gaolach,
Chun na tìr' tha thar an t-sàil.
Chan fhaicear leam Eilean Leòdhais,
Chan fhaic min Tiùmpan no 'n Àrd
Chan fhaicear leam clagh na h-Aoidhe,
Ged tha m' inntinn ann gach là
Far na dh'fhàg mi leth mo chridhe;
Dh'fhàg mi ghill' ann nach robh ceàrr;
Dh'fhàg mi 'n assunn bha nam thaobh ann,
Cnàimh bu ghaolaich leam na càch.
Chan fhaigh mi dubhan gu iasgach
Cha toir mi biathadh à tràigh;
Chan fhaic mi eathar le seòl ann;
Rian bith-beò a bh' aig a' bhàrd.
Tha nis an ùin' a' tarraing faguisg,
Tha 'n t-Earrach againn 's a' Mhàirt;
'S mus tèid sìol a chur 's an talamh,
Bidh mo dhachaigh air dol fàs.

Rugadh Murdigan Dòmhnallach air 15 Ògmhios, 1955, ann an Cnoc na h-Iolair' ann am Pabail Iarach anns an Rubha an Leòdhas. 'S e as sine ...
Fiosrachadh air Murdigan Dòmhnallach / Learn more about Murdigan DòmhnallachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.