Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Màiri Sandeman agus Seinneadairean Dhùn Èideann.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Màiri Sandeman and Seinneadairean Dhùn Èideann.
Sèist / Chorus
Tha cumha 'n dèidh do ghaoil orm
Tha mulad mòr as d' aonais orm
Tha cumha 'n dèidh do ghaoil orm.
Fhuair mi nead na liath-chirce.
Air bàrr na tuinne fiadhaich;
Bha 'n ròn glas a' dol don iarmailt
Agus cliabh air bac a' ghàirdean
Chunnaic mi na sgaireagan,
A' sìor dhèanamh bhuntàta dhuinn;
'S dreathan donn 's dà ràmh aige
Cur bàta 'n aghaidh gaoithe.
Chunnaic mi na cudaigean
A' snìomh air an cuid chuigealan;
'S a' chorra-ghritheach 's buideal aic'
Falbh an cuideachd dhaoine.
Chunnaic mi na donnagan
A' falbh is eallaich chonnaidh orr';
An fhaochag as an tomadaich,
A' falbh is dronnag fhraoich oirr'.
Chunnaic mi na h-easgannan
A' danns' air an làr fhasgnaidh
Is a' ghuilbneach agus bat' aice,
'S i cur a-steach nan caorach.
Cuspair an Òrain
Dh'innis Mgr Iain MacRuaraidh do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis air 12 Gearran, 1890, sgeulachd mun t-òran seo ged nach robh fhios aige cò a rinn e.
Thuirt e: "Bha duine ann aon uair a rinn cionta a bha toillteannach air a' bhàs. An uair a chaidh a dhìteadh thuirteadh ris gu faigheadh e leis a bheatha nan deanadh e òran anns nach biodh aon fhacal fìrinn.
Cha chuimhne leam a chluinntinn cia mheud ceathramh a dh'fheumadh a bhith anns an òran. Tha fhios agam gur gann a tha cuimhne agam air an dara leth dheth. Gu mi-fhortanach dha fhèin, chuir an duine bochd aon fhacal fìrinn anns an òran, agus air tàilleabh an fhacail seo chaill e a bheatha. Chan eil air cuimhne agam den cheathramh anns an robh am facal fìrinn ach an dà shreath:
"A' chuthag is gu-gùg aice
'S i toirt nan sùil à caoraich."
Tha e fior gum bi gu-gùg aig a' chuthaig ged nach 'eil e fìor gun toir i na sùilean às na caoraich."
Bho Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol. 16.
B' iad Seonag NicChoinnich, Evelyn Chaimbeul, Iona NicDhòmhnaill, agus Màiri Sandeman Seinneadairean Dhùn ...
Fiosrachadh air Seinneadairean Dhùn Èideann / Learn more about Seinneadairean Dhùn ÈideannRugadh agus thogadh Màiri Sandeman ann an Dùn Èideann. B' ann à Devon a bha a màthair, Màiri Trump, agus thàinig cuideachd a h-athar, Pat ...
Fiosrachadh air Màiri Sandeman / Learn more about Màiri SandemanCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.