Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Alasdair Boidhd agus Crìsdean Dillon.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Alasdair Boidhd and Crìsdean Dillon.
Tha biodag aig MacThòmais
Tha biodag fada mòr air
Tha biodag aig MacThòmais
'S gur ro-math dh'fhònadh sgian dha (dà thuras)
Tha biodag air a' gliogadaich
Os cionn bann na briogaise
'S nam faiceadh sibh mar thigeadh e
Gur ro-mhath dh'fhònadh sgian dà (dà thuras)
Tha bucallan na bhrògan
Tha bucallan na bhrògan
Tha bucallan na bhrògan
'S gur ro-mhath dh'fhònadh iallan (dà thuras)
Tha crios de leathar bròg air
Tha crios de leathar bròg air
Tha crios de leathar bròg air
'S gur ro-mhath dh'fhònadh siaman (dà thuras)
Tha biodag aig MacThòmais
Than biodag fada mòr air
Tha biodag aig MacThòmais
'S gur ro-math dh'fhònadh sgian dà (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach nan cailleach
Ri cailleach Bhaile nan Cailleach
'S gu seatadh a' chailleach Hearach
Ris a' chaillich a bh' air falbh (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach, sheatadh cailleach
Ruidhleadh cailleach ris a' bhalg
Sheatadh cailleach Uilleam Buidhe
Ris a' bhuidheann a bh' air falbh (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach Iain Bhuidhe
Ris an uidheam a bh' aig Uilleim
'S nuair thug Annag dhith a currac
B' fheudar do dh'Iain Curaidh falbh (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach, sheatadh cailleach
Ruidhleadh cailleach ris a' bhalg
Sheatadh cailleach Uilleam Buidhe
Ris a' bhuidheann a bh' air falbh (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach nan cailleach
Ri cailleach Bhaile nan Cailleach
'S gu seatadh a' chailleach Hearach
Ris a' chaillich a bh' air falbh (dà thuras)
Ruidhleadh cailleach, sheatadh cailleach
Ruidhleadh cailleach ris a' bhalg
Sheatadh cailleach Uilleam Buidhe
Ris a' bhuidheann a bh' air falbh (dà thuras)

Rugadh Crìsdean Dillon ann an 1952, agus chaidh a thogail san Ìochdar ann an Uibhist a Deas. Bha daonnan barrachd ùidh aige ann an obair-sgoile ...
Fiosrachadh air Crìsdean Dillon / Learn more about Crìsdean Dillon
Rugadh Alasdair Boidhd aig 58 An Clachan Mòr, anns an Ìochdar, air 20 Dàmhair, 1889. B' e Eòghainn Dhòmhnaill Nìll a bhuineadh do Bharraigh a ...
Fiosrachadh air Alasdair Boidhd / Learn more about Alasdair BoidhdCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.