Tè Bhàn, Tè Bhàn

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn agus air a sheinn le: Aonghas MacLeòid, Dòmhnall MacRath agus tòmas crawford.

This is a song written by: An t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn and sung by: Aonghas MacLeòid, Dòmhnall MacRath and tòmas crawford.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Tè bhàn, tè bhàn, tè bhuidhe bhàn,
Tè bhàn a rinn mo bhuaireadh;
Cha chreid mi fhìn nach fhaigh mi làmh
Tè bhàin as àillidh cuailean.

Gur mis' tha cianail na mo thàmh
An tràth seo ort a' smuaintean,
biodh an cuan na thalamh tràight'
Gu ruiginn tràth Diluain thu.

Bha mòran òigridh anns an àit'
Lem b' àill do thabhairt uamsa;
Cho fad 's a ghlèidh mi fhìn do làmh
Bha d' inntinn blàth rim ghualainn.

Bho rinn mi gluasad às an àit',
San robh mi làmh rim ghruagaich,
Tha m' inntinn luaisgeanach gun tàmh,
Gun chàil a thogas suas i.

Nam bithinn-sa mar eala bhàin,
A shnàmhas thar nan cuantan,
Gum bithinn oidhche riutsa làmh,
Is càch nan cadal suaimhneach.

Nuair a bhitheas mi leam fhìn
'S neo-shìtheil bhios mo smuaintean
A' smaoineachadh mu d' aodann
Gus an sgaoil mo bhruadar.

An uair a thèid mi cuairt na sràid
'S a chì mi càch rim ghualainn
Bheir e na mo chuimhne 'n tràth
A bha sinn anns a' bhuaile.

Nach truagh nach robh mi anns a' ghleann,
Sam b' annsa leam bhith gluasad,
Is ged biodh m' inntinn dubhach, trom,
'S e thogadh sunndach suas i.

Gach eala bhàn a thèid air snàmh,
Gach faoileag bhàrr nan cuantan,
A' giùlan uamsa soraidh slàn'
Don àit' sa bheil mo ghruagach.

Gach creag is allt is cnoc is gleann
Air feadh nam beann san gluais sinn,
Toirt fianais air na thuirt sinn ann
Ma bhios am bann air fhuasgladh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha bàrdachd eile leis an t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn ri lorg ann an Bàrdachd Leòdhais (Acair, 1988) agus anns an iris Gairm, Àireamh 93.

Seinneadairean / Performers

Aonghas MacLeòid

Aonghas MacLeòid

Rugadh Aonghas C. MacLeòid ann an Scalpaigh anns an Dùbhlachd, 1927. B' e an siathamh duine cloinne aig Coinneach Iain 'ac Dhòmhnaill 'ic Chaluim à ...

Fiosrachadh air Aonghas MacLeòid / Learn more about Aonghas MacLeòid
Dòmhnall MacRath

Dòmhnall MacRath

Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tàbost nan Loch, Leòdhas air 26 Lùnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug ...

Fiosrachadh air Dòmhnall MacRath / Learn more about Dòmhnall MacRath

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.