Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) agus air a sheinn le: Ina NicRisnidh.
This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) and sung by: Ina NicRisnidh.
Caidil sìos mo leanabh gaoil
Leig caogadh air do shùil,
Tha latha ciaradh air na raoin,
Na sgàil a' sgaoileadh dlùth,
Tha ghaoth san stùc mo leanabh rùin
Le guth na dùbhlachd gharg,
Air osag shiùbhlach bhàrr a siùil
Gad ghiùlain fad air falbh.
Tha eòin na speur, mo leanabh gràidh
Air dol mu thàmh san t-sliabh,
Tha buar, is grèigh, is treudan bàn
Le 'n àil air dol fo dhìon;
Tha tuirt muir-siar le bùir an t-sìon
Is altram tiamh a luasg,
Toirt aiseag airsneulach na leus
Dhuit sìos gu tall' an t-suain.
Tha ghealach mhòr, mo leanabh còir,
Ri seòladh anns na speur,
Fo phlaide sgòth a' ruith fo sgòd,
Gan òisleanadh le seud;
Tha reultan diamon cruinne-cruinn dhith
Boillsgeadh barraichte dearg,
'S na nèamh a' lannadh brat na h-oidhch'
Gad shoillseadh troimh 'n dorch.
Biodh sluagh na sìth, mo leanabh naoidh
Os cionn do chreathail bhlàth,
Ri fighe lìon a' mhoguil mhìn
Ri soills' na gealaich bhàin,
Gu dìon do shàmhchair mhàlda chiùin
Bho dhùsgadh gul nan deòir,
Cur ung bhon drùchd air rosg do shùil
'S gan dùnadh le am pòg.
Tha màthair, banaltram do loinn,
Le tàladh-crònain tiamh,
Cur tàisnich chadalach na clò
An tòir air talla cian.
Tha iochd is bàigh air nach tig tràigh,
Tha gràdh nach dealaich tìm,
'Na mànran-cagair gaolach blàth
Do àilleagan a cridh.
Dean cadal sìos mo leanabh dàimh,
Biodh ainglean ga do dhìon,
Bho ionnaraidh gu ruig moch-thràth,
Bho ànradh, cràdh, is pian;
Aig gairm nan eun biodh sgleò ri triall
Aig èirigh grian nan dùl
Le solas àghmhor, 's deòthan blàth
Ri fàilteachadh do dhùsg.

Rugadh Ina NicRisnidh ann an Suaineabost, Nis sa bhliadhna 1947. B' i an t-siathamh duine cloinne a-mach à teaghlach de sheachdnar a bha aig a' ...
Fiosrachadh air Ina NicRisnidh / Learn more about Ina NicRisnidhCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.