Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal) agus air a sheinn le: Ruaraidh MacLeòid.
This is a song written by: An t-Urr. Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal) and sung by: Ruaraidh MacLeòid.
Sèist / Chorus
Èirich agus tiugainn, ò
Èirich agus tiugainn, ò
Èirich agus tiugainn, ò
Mo shoraidh slàn le Fionnairigh
Tha an latha math, 's an soirbheas ciùin,
Tha 'n ùine ruith, 's an t-àm dhuinn dlùth;
Tha 'm bàt' gam fheitheamh fo a siùil
Gu m' thoirt a-null o Fhionnairigh.
Tha iomadh mìle ceangal blàth
Mar shaighdean ann am fèin an sàs;
Mo chridhe 'n impis a bhith sgàint'
A chionn bhith fàgail Fhionnairigh.
Bu tric a ghabh mi sgrìob leam fhèin
Mun cuairt air lùchairt Fhinn an trèin;
'S a dh'èist mi sgeulachdan na Fèinn'
Gan cur an cèill am Fionnairigh.
Bu tric a sheall mi feasgar Màirt
Far am biodh Oisean seinn a dhàin,
A' coimhead grèin aig iomadh tràth
Dol seach gach latha 's mi 'm Fionnairigh.
Allt na Caillich – sruthan ciùil
Le bhorbhan binn dol seach gach lùb;
Is lìonmhor aoibhneas fhuair mo shùil
Mu d' bhruaichibh dlùth-sa Fhionnairigh.
Beannachd le beanntaibh mo ghaoil
Far am faigh mi 'm fiadh le laogh:
Gu ma fad an coileach-fraoich
A' glaodhaich ann am Fionnairigh.
Chan iad glinn is beanntan àrd
A lot mo chridh' 's a rinn mo chràdh;
Ach an diugh na tha fo phràmh
An teach mo ghràidh am Fionnairigh.
Beannachd le athair caomh mo ghràidh
Bidh mi cuimhneach ort gu brath;
Ghuidhinn gach sonas is àgh
Don t-seann fhear bha am Fionnairigh.
Mo mhàthair, 's ionmhuin t' ainm r' a luaidh
Am feum mi tearbadh uat cho luath?
Is falbh a 'm allabanach truagh
An cian uat fhèin 's o Fhionnairigh.
Soraidh leat-sa bhràthair chaoin
Is fòs le peathraichibh mo ghaoil;
Cuiribh bròn is deòir a thaobh
'S biodh aoidh oirbh am Fionnairigh
'Illeasbaig bhig, mo leanabh gràidh
Gun coimhead Dia thu o gach càs
Bu mhiann leam fhèin 's mi thi'n gu brath
Do ghàire blàth bhi 'm Fionnairigh.
Am feum mi siubhal uat gun dàil?
Na siùil tha togte ris a' bhàt' –
Soraidh slàn le tìr mo ghràidh
Is slàn gu bràth le Fionnairigh.
Rugadh Ruaraidh MacLeòid, air 15 Màirt, 1903, ann an "Stocanais ghruamach, le chreagan mun cuairt air" ann am Bàigh na Hearadh. Chante Bàrd Chaolas Stocanais ris, no ...
Fiosrachadh air Ruaraidh MacLeòid / Learn more about Ruaraidh MacLeòidCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.