Soraidh Leis a' Bhreacan Ùr

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Catriona Anna Nic A' Phì.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Catriona Anna Nic A' Phì.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Soraidh leis a' bhreacan ùr
Oir 's ann air a tha mo rùn
B' ait leam e os cionn na glùin
Ann am pleatadh dlùth mun cuairt.

Mallachd nan Gàidheal gu lèir
Aig Rìgh Uilleam 's aig a threud
Chuir mi bhriogais ghlas an cèill
Gus an t-èideadh-sa thoirt bhuainn.

Chuir mi bhriogais ghlas fo m' cheann
'N àite 'n fhèileadh bheag a bh' ann
Gu bhith coltach ris a' Ghall
An taobh thall de dh'uisge Chluaidh.

Chuir mi bhriogais ghlas rim thaobh
'S barail leam gu robh mi faoin
Cha dèan caileag òg mo thaobh
On a fhuair mi 'n t-aodach ùr.

'S nuair a thèid mi fhìn dhan airm
Gheibh mi fhèileadh 's sporran garbh
Bonaid bhiorach mholach ghorm
'S slat de riobainn 's toirm mum chluais.

Seinneadairean / Performers

Catriona Anna Nic A' Phì

Catriona Anna Nic A' Phì

Rugadh Cathaidh Ann ann am Barraigh ann an 1959, a' fuireach dlùth do sheinneadairean mar Nan NicFhionghain, Màiri agus Chrissie Denny, agus Mairead "Orbish". Bha a seanmhair, ...

Fiosrachadh air Catriona Anna Nic A' Phì / Learn more about Catriona Anna Nic A' Phì

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.