Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacPhàidein agus air a sheinn le: Seonaidh MacAsgaill.
This is a song written by: Iain MacPhàidein and sung by: Seonaidh MacAsgaill.
Sèist / Chorus
Soraidh leibh is oidhche mhath leibh,
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh;
Guidheam slàinte ghnàth bhith mar ribh;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.
Chan eil inneal-ciùil a ghleusar
Dhùisgeas smuain mo chlèibh gu aoibh
Mar nì duan o bheòil nan caileag;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.
'S guth gum chridhe pong nan òran,
Caidir sòlais òigridh seinn;
Aiteal ciùin air làithean m' òige;
Sonas a bhith 'n-còmhnaidh leibh.
Màthair uisge 'n tobair fhìoruisg,
Cainnt ar sinnsir, brìgh na loinn;
'S faochadh tlàth o ànradh m' inntinn
Nuair bheir rann na glinn am chuimhn'.
Grian cha laigh a-nochd air mìltean
Leis am binn a fuinn 's a roinn
'S dom bidh 'n sgeul na mhòr-thoil-inntinn
Dh'innseas dhaibh gun robh sinn cruinn.
Astar cuain cha dèan ar sgaradh,
'S dùrachd daimh am bannaibh toinnt;
Glèidh an t-àgh na dh'fhàg a bheannachd
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.
Thuit ar crann air saoghal carach;
'S coma siud, tha mhaitheas leinn;
"Bidh sinn beò an dòchas ro-mhath":
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.
Chaidh Seonaidh MacAsgaill a chlàradh le Fred MacAmhlaigh ann an Ceap Breatainn ann an ...
Fiosrachadh air Seonaidh MacAsgaill / Learn more about Seonaidh MacAsgaillCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.