Òran air a sgrìobhadh le: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: Alma Kerr, Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, ena nic a' phì, iain macAonghais (Scalpaigh), Kathleen NicDhòmhnaill, Lorna NicCharmaig, Maighread Stiùbhart agus Mairead Hulse.
This is a song written by: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) and sung by: Alma Kerr, Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain, ena nic a' phì, iain macAonghais (Scalpaigh), Kathleen NicDhòmhnaill, Lorna NicCharmaig, Maighread Stiùbhart and Mairead Hulse.
Soraidh leis an àit'
An d' fhuair mi m' àrach òg,
Eilean nam beann àrda
Far an tàmh an ceò;
Air am moch a dh'èireas
Grian nan speur fo ròs,
A' fuadach neul na h-oidhche
Soillseachadh an Stòrr.
Cuir m' aghaidh air Glaschu
B' airtnealach mo cheum,
Cuir mo chùl ri càirdean,
Nochd am bàigh cho treun;
Ghluais ar buadhan nàdair
Ann an gràdh dha chèil',
Shruth mo dheòir a-bhàn,
Is dh'fhàilnich guth mo bhèil.
Cò aig a bheil gràdh
No tàlantan na cheann,
Is dèigh air obair nàdair,
Nach toir stràchdan ann;
Sasannaich is Stàdaich,
Agus àireamh Ghall,
A chosdas cuid dem maoin
A dh'fhaicinn taobh Chuith-raing.
Flòdaigearraidh sgiamhach,
Càit' eil d' fhiach de ghrunnd,
'S ainmeil an crodh-dàra
A dh'àraicheadh air d' fhonn;
Is nuair a thig an oiteag
Bho Lochlann oirnn a-nall,
Sèideadh air Sron Bhaornaill,
'S cùbhraidh gaoth do bheann.
Tha 'n sneachda is an neòinean
A' pògadh beul ri beul,
Shamhradh is a gheamhradh
Ann an ceann a chèil';
Canach air do mhòintich,
'S lògar air gach fèith,
Muran air do chruachain,
'S luachair air do rèisg.
Creag Shniadhasdail nam biatach,
Fraigh-shnighe sìos gu bonn,
Cruinneachadh na loch
'S an seòladh coit is long;
'S ged bhiodh neach le prosbaig,
Chan fhaiceadh e a grunnd;
Bhon nigh Fionn a chasan,
Dh'fhàg e 'n t-uisge donn.
Tha do lochan rìomhach
Sìnte staigh feadh d' eang,
Dealachadh ri chèile
Rèidhleanan is bheann;
'S ma tha neach le lèirsinn,
Chan i breug a th' ann,
Chì iad bhàrr do shlèibhtean
Pàirt de dh'Èirinn thall.
'S aoibhneach Eilean Asgrab
Fàilteachadh nan tonn,
'S uaibhreach creagan Gheàrraidh,
Sàilean os an cionn;
Suas gun ruig thu 'm Fàsach,
Far an tàmh an sonn,
Steinn is Sgor a' Bhàigh,
An t-àite 's àille fonn.
Seall fo Chaisteal Uisdein,
Feasgar ciùin gun cheò,
Ghrian a' dol san iar,
'S a dreach air fiamh an òir;
An cuan na leabaidh dhìon
Do dh'iasgaibh de gach seòrs',
Is buar a' dìreadh suas
Gu ceann Bòrd uain' MhicLeòid.
Seallaibh on a' Chrannaig,
Madainn ghreannach fhuar,
Null gu Eilean Liandail,
'S a' ghaoth 'n iar tighinn tuath;
Tonnan air an riasgladh,
'G èirigh sìos is suas,
'S bàtaichean len iasgairean
Cur siar nan stuadh.
Seallanna bu bhrèagha
Riamh chan fhaca sùil,
Sprèidh a-mach gam feurach
Madainn ghrianaich chiùin;
'N uiseag air a sgiath
Seinn gun fhiamh a ciùil,
'S an ceò mu cheann Beinn Tìonabhaig,
Is an sliabh fo dhrùchd.
Suidh air cnocan uain'
Air cruachan Saidhebhìnn,
Seall gach taobh mun cuairt dhut,
Eadar cuan is tìr;
Sgoirebreac nan stuadh
Sna thogadh suas na suinn,
'S Dòmhnallach nam buadh
Cur snuadh air Port a' Rìgh.
'S iomadh rosg a dh'iadhas,
Sealltainn sìos le sùil,
Air do chreagan iargalt
Air gach lian is stùc;
Thig uaislean nan ceudan
Nuair tha bhliadhna ciùin,
Tional às gach ceàrn
Air bàtaichean na smùid.
Eileanan a' chuain
Mun cuairt dhut air gach àird,
Seallaidh iad le uamhann
Air do stuadhan àrd;
Nuair a dh'èireas buaireas
Eadar cuan is tràigh,
Nì Mol Stamhain nuallan,
'S uair dhaibh bhith nan tàmh.
Mhuinntir chòir tha làthair
'S a tha tàmhach ann,
Cumaibh suas ur gnàths,
Ur bàidhealachd 's ur cainnt;
Tha mòran a dh'fhàg e,
An ceàrnaidh fad o làimh,
Chuimhnicheas le gràdh
Beul àtha nan trì allt.
Nuair ràinig mi 'n t-àite
'N d' fhuair mi m' àrach òg,
Far an robh ar n-àirigh,
Sprèidh len àl mun chrò;
Choltaich mi ri Gàidhlig,
Torman tlàth nan lòn
"'S aoibhneach leinn, a Mhàiri,
D' fhaicinn slàn 's tu beò."
Seinnidh gach fear-ciùil
Le mùirn a dhachaigh fhèin,
'S cumaibh suas a cliù
Ma bhios ur cùrsa rèidh;
Ach cha ghabh sinn mùiseag
Os ur cionn gu lèir,
Nach eil spot as cùbhr'
Air an laigh driùchd o nèamh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha fiosrachadh mu Mhàiri agus a bàrdachd ri fhaotainn san leabhar Màiri Mhòr nan Òran, deasaichte le Dòmhnall Eachann Meek (Comann Litreachas Gàidhlig an h-Alba, 1998)

Rugadh Maighread Stiùbhart air 12 Ògmhios, 1956, agus thogadh i ann an Col Uarach, Leòdhas. Bha seinn agus bàrdachd mun cuairt oirre nuair a bha ...
Fiosrachadh air Maighread Stiùbhart / Learn more about Maighread Stiùbhart
'S ann à Port Rìgh a tha Lorna NicCharmaig. Bhuineadh a h-athair, Raibeart, do Leòdhas agus 's ann à sgìre Loch Aillse a tha a ...
Fiosrachadh air Lorna NicCharmaig / Learn more about Lorna NicCharmaig
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
'S ann do Steòrnabhagh a bhuineas Alexandra 'Alma' Kerr ach bhuineadh cuideachd a h-athair do na Hearadh agus càirdean a màthar do ...
Fiosrachadh air Alma Kerr / Learn more about Alma Kerr
Rugadh Mairead Hulse air an t-siathamh làtha den Damhair, 1934, ann an Stèornabhagh. 'S ann à Tolastadh bho Thuath a bha a màthair, Mairead Iain ...
Fiosrachadh air Mairead Hulse / Learn more about Mairead HulseChaidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gàidhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...
Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Inbhir PheofharainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.