Òran air a sgrìobhadh le: eòghann macLaomainn agus air a sheinn le: Coinneach MacThòmais.
This is a song written by: eòghann macLaomainn and sung by: Coinneach MacThòmais.
Beir mo shoraidh do Mhuile
Far 'n do chleachd mi bhith òg,
A bhith cleasachd mu d' bhruachan
'S a bhith cuallach nam bò,
Le do bheanntannan àrda
'S do gleanntan cho uain',
Chan eil eilean air Ghàidhealtachd,
A bheir bàrr ort an snuadh.
Gheibhteadh fèidh anns na frìthean
Agus iasg anns an t-sàl,
Bradan san linne
Agus maorach san tràigh,
Coileach dubh agus ruadh-chearc
A' gogail san fhraoch;
Chan eil àicheadh air thalamh
Air eilean mo ghaoil.
Nuair thig Dùbhlachd a' gheamhraidh
Air do bheanntan bidh gruaim,
'S bidh caoirgheal air d' alltain
Nan deann-ruith gu cuan.
'S ged shileadh na siantan
Le 'n gailleann is fuachd,
Chaoidh cha dìobair mi 'n t-àite,
Cho fad 's bhios mi buan.

Rugadh Coinneach MacThòmais ann an Ceann Loch Chille Chiarain air 20 Lùnastal, 1949. B' ann à Cinn Tìre a bha cuideachd athair agus bha a ...
Fiosrachadh air Coinneach MacThòmais / Learn more about Coinneach MacThòmaisCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.