Òran air a sgrìobhadh le: blàr dùghlas agus air a sheinn le: Art MacCarmaig.
This is a song written by: blàr dùghlas and sung by: Art MacCarmaig.
Air rubha 'n aiseig, thar stuadh an t-sail
Tha long mo bhruadair gam sheòladh gun dàil
Tìr a' Mhurain, cha toir mi fuath
An cala, 's ceann-uidhe, Baghasdal mu thuath.
Alleluiah...
'S bi 'n fhaire a' briseadh air machraichean uain'
O bhaile mòr nan geallaidhean, 's tric tha mo smuain
A' tionndadh 's a' tilleadh air sgiathan na gaoith
Gu cala, 's ceann-uidhe, Baghasdal mu thuath.
Alleluiah...
Is cianail m' aigne, fo uallach 's gun fhois
'S cruas nan cabhsairean gun ghainmhich fom chois
O nach fhaicinn, Èireisgeigh 's an caol
'S an cala, 's ceann-uidhe, Baghasdal mo ghaol.
Alleluiah...
'S madainn Dìdomhnaich le creideamh nar cridh'
Òg is aost', guidhe beannachd-na-sìth
O Reul na Mara, na treig solas m' àigh
An cala, 's ceann-uidhe, Uibhist mo ghràidh.
Alleluiah...

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...
Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaigCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.