Òran air a sgrìobhadh le: dallan forgaill agus air a sheinn le: Kathleen Ghreumach.
This is a song written by: dallan forgaill and sung by: Kathleen Ghreumach.
Dèan dhòmhsa tuigse, cur soills' air mo smuain;
Dh'iarrainn gur Tu bhiodh gam stiùireadh gach uair;
Làmh rium san oidhche is romham san tràth,
Rèidh rium sa mhadainn agus glèidh mi tron là.
Ceartas dom bhriathran agus fìrinn dom bheul,
Thusa toirt iùil dhomh 's mi dlùth riut, a Dhè.
Athair, thoir gràdh dhomh, gabh mis' thugad fhèin;
Cùm mi rid thaobh is bi daonnan nam chrè.
Dìon mi, a Thighearna, ri mo chliathaich 's gach feachd;
Cùm mi fod sgiath 's thoir dhomh misneachd is neart,
Fasgadh dom anam is mi rid uchd dlùth.
Treòraich mi dhachaigh, Dhè chumhachdaich Thu.
Beartas chan fhiach leam no miann chlann nan daoin',
Thusa nam fhianais fad làithean mo shaogh'il;
Thusa, Dhè ghràsmhoir, a-mhàin na mo chrìdh',
Le blàths is gràdh sìorraidh, mo Thighearna 's mo Rìgh.
Eadar-theangaiche (Dhan Ghàidhlig): Ceit Mhoireasdan
Faclan (Dhan Bheurla): Màiri Byrne agus Eleanor Hull

'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Kathleen Ghreumach agus thogadh i ann an teaghlach a bha air leth fiosrach mu dhualchas na Gàidhlig ...
Fiosrachadh air Kathleen Ghreumach / Learn more about Kathleen GhreumachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.