Òran air a sgrìobhadh le: Cairistìona NicDhòmhnaill agus air a sheinn le: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large).
This is a song written by: Cairistìona NicDhòmhnaill and sung by: Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large).
Siuthad a Sheònaid, suath an t-eòrna,
Tha e gròsgach fo na casan, ùbh o ùbh o ùbh o hì
Siuthad a Sheònaid, dhìot do bhrògan,
Bleith an t-eòrna dhomh ‘son aran, ùbh o ùbh o ùbh o hì
Airson aran ho rì rì.
Siuthad a Sheònaid, ‘s tu le d' òige,
Meil le òrdagan do chasan, ùbh o ùbh o ùbh o hì
Truis do chòta, ‘s tog leat òran,
Mar na h-eòin gu tuilleadh braiseachd, ùbh o ùbh o ùbh o hì
Tuilleadh braiseachd ho rì rì.
Siuthad a Sheònaid, danns gu sùrdail,
Tha do lurgainnean caol is snasail, ùbh o ùbh o ùbh o hì
Stad le sùrdag, ‘s prann na smùr e,
Lìon mo sgùird is nì mi fhasgnadh, ùbh o ùbh o ùbh o hì
Nì mi fhasgnadh ho rì rì.
Siuthad a Sheònaid, ‘s cuimir calpa,
Sgar na cealgan bho na badan, ùbh o ùbh o ùbh o hì
Mi gun annlan, leis a bhalgam,
Gu sealladh sealbh ar seachdnar bhalach, ùbh o ùbh o ùbh o hì
Seachdnar bhalach ho rì rì.
Siuthad a Sheònaid, ‘s fuinidh i bonnaich,
Ris a dh'ealaig ann an cabhag, ùbh o ùbh o ùbh o hì
Ìm na corraig, air gach pronnaig,
Lìonas broinn mo sheachdnar bhalach, ùbh o ùbh o ùbh o hì
Seachdnar bhalach ho rì rì
Seachdnar bhalach ho rì rì
Seachdnar bhalach ho rì rì.

Thogadh Donaidh Large Dòmhnallach an toiseach ann am baile beag Sgiogarstaidh an Nis, Leòdhas, far an robh a mhàthair Cairistìona NicDhòmhnaill (Cairistìona Drogaidh) na tidsear. ...
Fiosrachadh air Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large) / Learn more about Donaidh Dòmhnallach (Donaidh Large)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.