Òran air a sgrìobhadh le: Rob MacAoidh (Rob Donn) agus air a sheinn le: samuel andrews.
This is a song written by: Rob MacAoidh (Rob Donn) and sung by: samuel andrews.
Siubhal mar ri Seòras Duinn
Do Steòrnabhagh air chuan,
Fad h-oidhch' a' seòladh dhuinn
Gu Rubha 'n Stòir ud shuas;
Bu bhiadhach, deochadh, bhìrlinn ud
'S i luchdar dìonach, luath;
Gu stiùireach, crannach, ròpanach,
Gu rathanach seòlta fuaight'.
Air maol gob an Rubha dhuinn
An dubharachd na h-oidhch'
Suas gu Loch an Ionbhair sinn
Ag iomradh gun bhonn soills',
Shìn gaoth an ear ri sèideadh oirnn
Nuair dh'èirich latha on oidhch'
Air port sam bith cha lùibteadh i
Eadar Puiteag is Loch Aillse.
Bha 'n sgiob ud air a coimeasgadh
Le fearalas is fiamh;
Chìteadh fiamh a' ghàire orr'
Ged a dh'fhàg iad clach is sliabh;
Le duinealas gun aigeantas
Gun saidealtas nan gnìomh,
'S gun fhear air bith den chòignear ud
Bhith staigh an Leòdhas riamh.
Nuair ràinig sinn an t-àite sin
'S bha chuideachd fàilteach rinn,
Fhuair sinn taghadh fàrdaich
Nach robh àicheadh os a chinn,
Gu ballach aolach sglèatach, rèidhleach
Lobhtach, glèidhteach, grinn,
Aig àrmann fial de dh'Iomhaireach,
Air nighinn Triath Chill Duinn.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.