Siream Sìos, Siream Suas

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Siream sìos, siream suas, cha robh mòr de Ruaraidh agam
Siream sìos, siream suas, cha robh agam Ruaraidh.

Nuair a dh'èirich mi sa mhadainn cha robh mòr de Ruaraidh agam,
Nuair a dh'èirich mi sa mhadainn cha robh agam Ruaraidh.

Fhuair mi crùisgean 's rinn mi lasadh 's sheall mi anns gach cùil is callaid;
Fhuair mi Ruaraidh measg na rainich falach gus na cluasan.

'S èirig air a chùis mar thachair, cha robh feum air dol na b' fhaide,
Nuair a shaoil leam e bhith agam, cha robh agam Ruaraidh.

Ciod e 'n driod-fhortan a thachair, bha sinn còmhla dol a laighe
Ach nuair dhùisg mi anns a' mhadainn cha robh agam Ruaraidh.

Dreach eile:

Siream sìos, siream suas, cha robh cnàimh de Ruaraidh agam
Siream sìos, siream suas, cha robh cnàimh de Ruaraidh.

Nuair a dhùisg mi anns a' mhadainn cha robh cnàimh de Ruaraidh agam,
'S ann bha Ruaraidh anns an leabaidh a' gearain gun robh fuachd air.

Siream sìos, siream suas, cha robh cnàimh de Ruaraidh agam
Siream sìos, siream suas, cha robh cnàimh de Ruaraidh.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Bha Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gàidhlig ma ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.