Òran air a sgrìobhadh le: Màiri NicDhùghaill (NicDhòmhnaill) agus air a sheinn le: Dòmhnall Moireasdan.
This is a song written by: Màiri NicDhùghaill (NicDhòmhnaill) and sung by: Dòmhnall Moireasdan.
Sèist / Chorus
Sìoman donn, fada, donn
Sìoman donn, 's beag mo thlachd dheth;
Sìoman donn, fada, donn
Sìoman donn, 's beag mo thlachd dheth.
Siud an luibh a bha dhuibh daor,
Chùm sibh bho adhradh na madainn;
'S mur tig cobhair bho Dhiardaoin,
Fo na taoid thèid do cheangal.
'Ille, ma tha agad pìob
Thig a nìos, dèan do gharadh.
"Chan eil agam ach rud crìon;
'S beag dhomh fhìn e gu madainn."
Nuair thèid cearc, an "Doll", gu feum
Bheir i leum air an fharadh;
Beiridh i 'n t-ugh bòidheach, rèidh,
'S air an fhèill nì i passadh.
B' fheàrr leam fhìn na mìle crùn
Gu robh do dhùrachd bhith agad -
Sgiobadh làidir 's bàt' fo siùil
Bheir a-null thu do Reachlainn.
Far a faigh thu sìoman donn
Thogadh fonn air do mhala,
'S nuair a thilleadh tu don tìr
Gum biodh sìth aig a' bhaile.
'S duilich leam thu bhith cho gòrach
'S a spliùcan ròin rinn thu chagnadh
A bha agad ann ad phòc'
Le cìocras mòr airson tombaca.
Rugadh Dòmhnall Moireasdan an Àrd Tunna as a' Ros Mhuileach air 29 Faoilleach 1885. Bha athair na chroitear agus bha an teaghlach air a bhith ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Moireasdan / Learn more about Dòmhnall MoireasdanCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.