Sìol Ghoraidh

Òran air a sgrìobhadh le: Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach agus air a sheinn le: runrig.

This is a song written by: Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach and sung by: runrig.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich
Clann mo theaghlaich fhèin

Ochd-deug seisreach
Air raontainn Àird a' Mhorrain
Na fir a' treabhadh
An là a thàinig na Slèitich

Sìol Ghoraidh
Mac Ruairidh
Clann Raghnaill
Clann Dhòmhaill

Linn gu linn
Ainm gu ainm
Air an sgiath seo dh'Uibhist
'S mi beò an-dràst'

Dubh dath na fala
A dhoirt na tuil gu talamh
Saighead claidheamh
Tro chairdeas corp an Udail

Sìol Ghoraidh
Mac Ruairidh
Clann Raghnaill
Clann Dhòmhaill

Linn gu linn
Ainm gu ainm
Air an sgiath seo dh'Uibhist
'S mi beò an-dràst'

Linn gu linn
Ainm gu ainm
Air an sgiath seo dh'Uibhist
'S mi beò an-drast'

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.