Òran air a sgrìobhadh le: Jacopone Da Todi Beannaichte agus air a sheinn le: Alasdair Dòmhnallach.
This is a song written by: Jacopone Da Todi Beannaichte and sung by: Alasdair Dòmhnallach.
Sheas a' mhàthair am bròn bàite
Aig Crann-ceusaidh deurach, cràidhteach
Am bun a Mic 's E 'n spàirn ro ghoirt.
Cridhe caomh bha brùite, dubhach,
Briste 'g osnaich 's a' tuireadh -
Rinn an claidheamh-guin a lot.
Ochòin! bu chràidhteach is bu chianail
Moire Mhàthair bheannaicht' Chrìosda
'S E ga phianadh air a' Chrois.
Gum bu dubhach, air a lèireadh
A bha Moir' air dhi bhith lèirsinn
Dìol ro dhèisneach h-aona Mhic.
Cò an neach a bhiodh san làthair
Chitheadh Màthair Dhè san spàirn sin
Nach biodh cràidhteach sileadh dheur?
Cò a b' urrainn gun bhith brònach
Smaoineachadh air cor na h-Òighe
Ghabh co-phàirt an dòrainn Chrìosd?
Airson peacannan a shluaigh fhèin
Moire faicinn Ios' ga chiùrradh,
An dèis a sgiùrsadh cruaidh gun iochd;
Moire faicinn a Mic gràdhaich
Air a dhìobairt le chaomh-chàirdean,
Dol gu bàs air fiodh na Crois.
Mhàthair uile-ghaolach, tiùbhraich
Meud do dhòrainn orms' a dhrùidheadh
Los bhith bròn 's a' tùirse leat;
Deònaich m' anam le gaol Chrìosda
Bhith na lasair dhèin gun diocladh,
Chor 's gun toill mi mhiadh 's a thlachd.
Mhàthair naomh, biodh lotan creuchdach
Do Mhic Ìosa chaidh a cheusadh
Domhain geàrrt' air clàr mo chridh';
Deònaich hòmhsa, Mhoire Mhàthair,
Mo cho-roinn de Phàis mo Shlànair
Dh'fhuiling air mo sgàth gach nì.
Thugas dhomh gum bi mi tuilleadh
A' co-bhròn leats' mar as cubhaidh
Thaobh na dh'fhuiling do Mhac rùin;
A bhith ad chuideachd taobh 'Chruinn-cheusaidh
Is co-chòir ded dhòrainn fhaotainn,
Chuir mi, Mhàthair Dhè, nam ùidh.
Òigh ro urramach nan òighean, -
Na cuir suarach mi, ach deònaich
Dhomh co-chòir ded dhòrainn chràidh;
Deònaich gur e bàs m' Fhir-shaoraidh,
Is a Phàis 's a chreuchdan craobhach,
As culaidh-smaoinich dhomh gach tràth.
Gun dèan gaol nan lot mo reubadh
'S gaol na Fala, gaol 'Chruinn-cheusaidh,
M'anam thoirt fo ghèill 's fo dhaors';
Nuair a thèid mi 'n làthair Chrìosda,
Thoirt dhà cunntais air mo ghnìomhan,
Cùm bhon teine shìor mi saor.
Shlànair naoimh, an uair as bàs dhomh,
Builich orm air ghaol do Mhàthar
Ann am Pàrras crùn na buaidh;
Nuair a bhios mo chorp gun anail,
Deònaich sòlas sìor dham anam
Ann an glòir nam Flathas shuas'. Amen.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Fr. Allan McDonald of Eriskay, 1859-1905, le Iain Latharna Caimbeul (Oliver and Boyd, Lunnainn, 1954 agus 1956).
Eilean na h-Òige - The Poems of Fr. Alan MacDonald deasaichte le Raghnall Mac Ille Dhuibh (Mungo Books, Glaschu, 2002).
Bàrdachd Mhgr Ailein - Father Allan's Island le Amy Mhoireach (The Moray Press, Dun Èideann agus Lunnainn, 1936).
Rugadh Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Mòr Chatrìona Ailein Chòcaire, ann a' Staoinebrig air 7 Ògmhios, 1929. Bha cuideachd a mhàthair nan còcairean aig Clann 'ic Ailein ...
Fiosrachadh air Alasdair Dòmhnallach / Learn more about Alasdair DòmhnallachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.