Òran air a sgrìobhadh le: Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach agus air a sheinn le: runrig.
This is a song written by: Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach and sung by: runrig.
Sèist / Chorus
Uair eile gu bhith dhachaigh
Uair eile gu bhith beò
Ruith mun cuairt nan sguaban arbhair
Uair eile gu bhith òg.
Bha mi raoir a' siubhal drathair
'S thàinig dealbh do mo làimh
Dealbh mo sheanmhar is mo sheanar
'S balach òg na shuidhe rin taobh.
'S iad ag obair aig na sguaban arbhair
Shuidh mi gan coimhead fad na h-oidhche
Thàinig cianalas nam chridhe
'S thàinig cuideam na mo làimh.
Chan e aois a tha mi sabaid
Chan e mo bheatha nach eil slàn
'S e bhith fuireach ann an saoghal maide
Le chuid dhaoine nach tuig mo chainnt.
Dh'fhalbh mo sheanmhair is mo sheanair
Thuit na sguaban arbhair sìos
Dh'fhalbh mi gu saoghal eile
'S dh'fhalbh a' Ghàidhlig bho mo bheul.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.