Seònaid NicGumaraid / Thèid Thu Null air an Fhadhail

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Seumas Caimbeul.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Seumas Caimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Seònaid NicGumaraid
Gur bòidheach a' chruinneag i,
Seònaid NicGumaraid
'S a h-uile fear an tòir oirre.
Seònaid NicGumaraid
Gur bòidheach a' chruinneag i,
Seònaid NicGumaraid
'S a h-uile fear an tòir oirre.

'S ann a-raoir a chunna mi
A chuala mi 's a chunna mi,
'S ann a-raoir a chunna mi
Na cuir a bh' ann a Seònaid.
'S ann a-raoir a chunna mi
A chuala mi 's a chunna mi,
Gur ann a-raoir a chunna mi
Na cuir a bh' ann a Seònaid.

Thèid thu null air an fhadhail nì thu sin,
Thig thu nall air an fhadhail nì thu sin,
Thèid thu null air an fhadhail,
Nì thu ghruagach a thadhal,
Far na dh'fhàg thu do roghainn nì thu sin.

Sèist / Chorus

O tha m' ulaidh air, tha m' ulaidh air,
Cha bhi e ris an òl,
Tha m' aighear air, tha m' aighear air,
Cha bhi e ris an òl,
M' eudail air an t-sùil 's air a' mhala tha sa cionn,
Gaol mo chridhe air a' ghille, gràdhan air.

Tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas mi,
Tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas mi,
Tighinn air a' mhuir tha an gille buidhe bòidheach,
Cìobair nan òisgean a phòsas mi.

Tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas mi,
Tighinn air a' mhuir tha fear a phòsas mi,
Tighinn air a' mhuir tha an gille buidhe bòidheach,
Bucaill air a bhrògan le òrdugh an rìgh.

Seinneadairean / Performers

Seumas Caimbeul

Seumas Caimbeul

Rugadh Seumas Caimbeul anns a' Ghnìopa san Eilean Sgitheanach ann a' 1945, an latha mu dheireadh den Dàrna Cogadh - an t-isean deireadh linn aig ...

Fiosrachadh air Seumas Caimbeul / Learn more about Seumas Caimbeul

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.