Seo an Gaol Mar Mheud na Mara

Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam Rees agus air a sheinn le: Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr.

This is a song written by: Uilleam Rees and sung by: Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Seo an gaol! mar mheud na mara,
Coibhneas gràidh mar dhìle mòr,
Nuair dhòirt Prionns' na beath', ar n' èirig,
A fhuil rìoghail air ar tòir.

Cò nach meòraich air a ghràdh-san?
Cò nach mol 's nach seinn a chliù?
Chan fheum sinne chuir à cuimhne
Troimh bhith-bhuantachd nèamh ar dùil.

Air an t-sliabh ud - àit' A cheusaidh
Dh'fhosgail fuarain mhòra, làn,
'S troimh thuil-dhorsan àrd A thròcair
Thaom a-mach muir-làn A ghràis.

Gràdh is gràs mar thuiltean mòra
Ruith gun sguir a-mach bho 'n àird',
Phògadh sìth is ceartas nèamhaidh
Saoghal ciontach - le mòr ghràdh.

Seinneadairean / Performers

Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr

Bha ceud bliadhna ann, ann an 2006, bho chaidh Eaglais Naomh Barr fhosgladh anns a' Bhàgh a Tuath ann am Barraigh. Ron sin, bha aig ...

Fiosrachadh air Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr / Learn more about Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.