Seinn an Duan

Òran air a sgrìobhadh le: aonghas macGill-Eain agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu.

This is a song written by: aonghas macGill-Eain and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Seo an duan nach fàs sinn sgìth dhith,
Gràdh gu bàs an Tighearna Iosa,
Nuair a chaidh nar n-àit' san strì E,
Chorp is anam thug mar ìobairt.

Sèist / Chorus

Seinn an duan don Uan a cheusadh,
Seinn an duan don Uan a dh'èirich,
Seinn an duan gach taobh a thèid thu,
Don Tì thug buaidh air 'n uaigh 's a dh'èirich.

'M faic thu E sa ghàrradh brùite,
Anam brònach – 's beag an t-iongnadh –
Fallas fala tuiteam dlùth dheth,
'S claidheamh ceartais 's e do-lùbadh.

Seo an claidheamh chaidh an sàs ann,
Dh'fhàg E brònach 's neul a' bhàis air;
Ceartas sìorraidh tagradh pàighidh
Bhon Treas' Pearsa sheas nar n-àite.

Cluinn an osnaich tha tighinn Uaithe,
'S briathran cudromach do-luadhadh –
"Mur gabh an cupan seo cur uam-sa,
Do thoil, a Dhè, biodh dèant' gach uair leam."

Faic E ceangailte le còrdaibh,
'S air a tharraing dh'ionns' a' mhòid ud;
Sileadh breun air aghaidh ghlòrmhor,
'S bhuail a naimhdean E len dòrnaibh.

Air a dhiùltadh 's air a chrùnadh
Leis an sgitheach, Dhè, b' e 'n t-iongnadh.
Rìgh na Glòir bhith ac' ga sgiùrsadh
Sheas gu bàs nar n-àit' toirt ùmhlachd.

Cluinn an glaodh bho Chalbhari leis –
Slàinte d' anam, tha e crìochnaicht'!
Chrom E cheann, bha 'n lagh coileanta,
'S chaidh gu Dia a spiorad fìor-ghlan.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.