Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna NicIain agus Màiri Nic a' Ghobhainn.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna NicIain and Màiri Nic a' Ghobhainn.
Hù rù o na hi òro
Tha Seathan an-diugh na mharbhan
Na hi hò hùg òro
Tha Seathan an-diugh na mharbhan
Hù rù o na hi òro
Sgeul as olc le luchd a leanmhainn
Na hi hò hùg òro
Sgeul as olc le luchd a leanmhainn
Hù rù o na hi òro
Sgeul is ait le luchd a shealga
Na hi hò hùg òro
Sgeul is ait le luchd a shealga
Hù rù o na hi òro
Naidheachd a bha dhomhsa searbh dhe
Na hi hò hùg òro
Naidheachd a bha dhomhsa searbh dhe
Hù rù o na hi òro
'S mairg thuirt riamh rium gum b'e bhean dhubhach mi
Na hi hò hùg òro
'S mairg thuirt riamh rium gum b'e bhean dhubhach mi
Hù rù o na hi òro
Bean bhochd chianail chràiteach dhubhach mi
Na hi hò hùg òro
Bean bhochd chianail chràiteach dhubhach mi
Hù rù o na hi òro
Bean bhochd a thug spèis dha buidheann mi
Na hi hò hùg òro
Bean bhochd a thug spèis dha buidheann mi
Hù rù o na hi òro
Piuthar do Fhionn 's do Niall Buidhe mi
Na hi hò hùg òro
'S minig a chuala 's nach do dh'innis e
Hù rù o na hi òro
Gu robh mo leannan-sa am Minginis
Na hi hò hùg òro
Gu robh mo leannan-sa am Minginis
Hù rù o na hi òro
Nam bitheadh e sin, 's fhad o thigeadh e
Na hi hò hùg òro
Nam bitheadh e sin, 's fhad o thigeadh e
Hù rù o na hi òro.
Cuspair an Òrain
Tha an t-òran seo, as a bheil a leannan a' caoidh Seathan, mac Rìgh Èirinn, gar toirt air ais 's dòcha gu mu 1600. Tha iad air a bhith còmhla fon choill is a nàimhdean an tòir air Seathan. Le foill, tha e air a ghlacadh agus air a mharbhadh agus anns an òran chumhachdach seo tha ise ga chaoidh.
Chan eil dearbhadh sam bith ann gu robh leithid a dhuine ri Seathan ann ach bha mac Rìgh Èirinn tric a' nochdadh mar charactar anns na seann sgeulachdan.
Anns an 1869, dh'innis Mòr NicNèill, nighean Alasdair 'ic Ruaraidh Bhàin à Ceann Tangabhal am Barraigh do dh'Alasdair Mac Ille Mhìcheil, gur e "spùillire mòr a bha ann an Seathan, a' marbhadh agus a' creachadh anns gach ceàrna mar a b' fheàrr a gheibheadh e cothrom."
Ann an 1905, fhuair Mac Ille Mhìcheil an aon seòrsa beachd bho Sheònaid NicLeòid ann an Eige air "roghainn nan òrain luadhaidh":
"A rèir na sgeòil cha robh e idir cho math 's a tha an t-òran ga dhèanamh. Am fear nach marbhadh e tuath, mharbhadh e deas, 's an creachadh nach dèanadh e siar dhèanadh e siud 's a' chòrr sear. Mu dheireadh bha gach baile 's gach athbhaile air a luirg 's air a thòir, 's bha e trì bliadhna fo choill, is trì fo chaim, is trì fo dhàimh."
Agus dh'innis Seònaid NicLeòid cuideachd mar a chaidh Seathan a mharbhadh:
"Bha cailleach ann an Èirinn ris an cainte Cailleach nan Trì Deilgne, 's bha gràin na dunach aice air Seathan. Bu dhearbh-phiuthar i do Rìgh na h-Èireann, 's bha i an dùil na faighte Seathan às an rathad gum b' e a mac fhèin a b' oighre air an rìgh.
Badhbh an uilc a bh' innte, 's bha guin is nimh a' bhàis anns gach deilg.
"Falbh thusa" ars ise ri mac, "agus faigh an seisear fhear as treise ann an còig ranna ruadh na h-Èireann, agus, aig dol fodha na grèine, ruigidh sinn uile taigh Sheathain."
Rinneadh seo.
Aig dol fodha na grèine bha bean Sheathain anns a' bhuailidh, agus cha d' fhuaraich an taigh mus robh Cailleach nan Trì Deilgne staigh air an ùrlar.
"A Sheathain ghaoil!" ars ise, "Lot calg tuirc mo chorrag. Trobhad 's leig fuil."
Ghrad leum Seathan à àite falaich agus siud air a mhuin bha na ceatharnaich, 's ma chaidh còig dhiubh a mharbhadh, thug an siathamh fear a' bhuille bàis do Sheathan."
Bha Cumha Sheathain aig aon àm ri lorg air bilean an t-sluaigh an iomadh ceàrnaidh de dh'Alba ged nach eil lorg air idir an Èirinn. Ann an Ortha nan Gaidheal, Carmina Gadelica, Leabhar 5, (Oliver and Boyd, Dùn Èideann, 1954) tha dreach fada dhen òrain aig Alasdair Mac Ille Mhìcheil ann an clò ach dh'fhaodadh e bhith gun do rinn e fhèin sgeadachadh air na fhuair e o bheul-aithris.
Chlàr Fear Chanaigh na facail a leanas bho Anna NicIain agus a bràthair Calum:
B' annsa Seathan a' falbh slèibhe,
Mise lag is esan treubhach;
Cha ghiùlaininn ach beag èididh,
Còta ruadh mu leth mo shlèisne,
'S criosan caol-dubh air mo lèinidh,
'S mi falbh le Seathan mar eudail.
'S iomadh beinn is gleann a shiubhail sinn,
Bha mi 'n Ile, bha mi am Muile leat,
Bha mi an Èireann nan Còig Mumha leat,
'S dh'èist mi 'n Aifreann sa Choill' Bhuidhe leat.
'S minig a chual' e, 's nach do dh'innis e,
Gu robh mo leannan-s' am Minginis;
Nam biodh e 'n sin, 's fhad o thigeadh e;
Chuireadh e bàta dha m' shireadh-sa,
'S chuirinn-sa long mhòr ga shireadh-san,
Sgiobadh cliùiteach, ùrail, iriseal.
Nam faighte Seathan ri fhuasgladh,
Dh'fhàsadh an t-òr fo na bruachaibh,
Cha bhiodh gobhair air creig ghruamaich
'S cha bhiodh lìon gun iasg an cuantan.
B' annsa Seathan air cùl tobhtadh
Na bhi le mac rìgh air lobhtaidh,
Ged bhiodh aige leaba shocair,
'S stròl dhan t-sìoda bhith fo chasan,
'S cluasag dhan òr dhearg a' lasradh.
Tha Seathan an nochd na mharbhan
Sgeul is ait le luchd a shealga.
('S le mac caillich nan trì dealga,)
Sgeul as olc le fearaibh Alba
(A Sheathain, a Sheathain m' anma
Dhealbh-mhic mo rìgh o thìr Chonbhaigh!)
'S minig thuirt rium gum bu bhean shubhach mi
Bean bhochd chianail, chràiteach, dhubhach mi
Bean bhochd a thug spèis d'a bhuidhinn mi;
Nuair shaoil mi thu bhith san tòrachd,
'S ann a bha thu marbh nam chòmhdhail
'S tu air ghuaillean nam fear òga.
'S nuair a shaoil mi thu bhith sa ghailleann
'S ann a ha thu marbh gun anam,
'S tu gad ghiùlain aig na fearaibh
Gu leitir nan còrrbheann corrach.
'S an oidhche sin a rinn iad banais dhut,
Ochòin, a Rìgh! cha b' ann ach t-fhalairidh!
Nach do chuir aid lèin' dhan anart ort?
Nach do lig iad ùir is talamh ort?
M' eudail an làmh sin, 's ged 's fuar i
Bu tric agam, ainneamh bhuam i,
Le tiodhlac dhan t-sìoda bhuaidheach
Gur tric a fhuair mi le duais i.
Cha dugainn a lagh no rìgh thu
Cha ghibhtinn air Moire Mhìn thu
'S cha tiodhlaiginn sa Chrò Naoimh thu,
Eagal 's nach fhaighinn a-rithist thu!
Na facail à Hebridean Folksongs, Vol. 2, deasaichte le Iain L. Caimbeul, air fhoillseachadh le Oxford University Press, 1977)

Rugadh is thogadh Màiri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far an robh seinn na rud cho nàdarrach ri ...
Fiosrachadh air Màiri Nic a' Ghobhainn / Learn more about Màiri Nic a' GhobhainnB' e Anna NicIain tè den cheathrar nigheanan a bha aig Aonghas Chaluim agus Catriona Aonghais 'ic Dhòmhnaill Mhòir. Bha triùir bhràithrean aice ...
Fiosrachadh air Anna NicIain / Learn more about Anna NicIainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.