Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn.
Gu dearbh o rib an eunadair
nì esan fuasgladh ort,
Is nì do shaoradh mar an ceudn'
on phlàigh tha gràineil goirt.
Le 'itich nì e d' fhalach fòs,
bidh d' earbsa fo a sgèith;
Is fhìrinn bidh na targaid dhut,
mar sgèith dod dhìon gach rè.
Fa chùis an uamhais anns an oidhch'
cha bhi ort geilt no sgàth;
No fòs fa chùis na saighde bhios
a' ruith air feadh an là:
Cha bhi maoin eagail ort ron phlàigh
tha triall an dorchadas:
No fòs fa chùis an uilc a bhios
mu mheadhon là ri sgrios.
Bidh mìle tuiteam sìos rid thaobh,
deich mìle fòs rid dheis;
Ach olc dhiubh siud cha tig ad chòir
no 'm fagas dhut am feasd.

Chaidh Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn a stèidheachadh an Glaschu ann an 1929 agus tha e coltach gun do nochd còrr air ceud duine a' chiad ...
Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn / Learn more about Còisir Ghàidhlig Bhaile GhobhainnCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.