Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Màiri NicAonghais agus Ruaraidh MacLeòid (Ruaraidh Mòr nan Òran).
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Màiri NicAonghais and Ruaraidh MacLeòid (Ruaraidh Mòr nan Òran).
O molaibh Dia oir tha e math
Sìor mhairidh tròcair Dhè
Abradh Clann Israel a-nis
Gur buan a ghràs gach rè.
Taigh Àaroin abradh iad a-nis
Sìor mhairidh tròcair Dhè
Abradh an dream don eagal Dia
Gur buan a ghràs gach rè.
Cluinnear tuilleadh rannan anns a' chriomag bhidio -
Do chuartaich umam air gach làimh
Na dùthchannan gu lèir:
Ach sgatham agus sgriosam iad,
An ainm Iehòbhah thrèin.
Do chuartaich iad mi air gach taobh,
Chuartaich iad mise fòs;
Ach sgatham agus sgriosam iad
An ainm Iehòbhah mhòir.
Mar bheachan chuartaich iad, ach chaidh
Iad as mar theine dris;
Oir ann an ainm Iehòbhah thrèin
Nì mi gu lèir an sgrios.
Gam leagadh, theann thu orm gu dlùth;
Ach chuidich leamsa Dia.
'S e Dia mo cheòl, 's mo shlàinte fòs,
Is e mo threòir an Triath.

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghaisChante Ruaraidh Mòr nan Òran ri Ruaraidh MacLeòid na latha. Rugadh e ann an 1867 ann an Ailbhinn, an Asainte. B' e mac croitear a ...
Fiosrachadh air Ruaraidh MacLeòid (Ruaraidh Mòr nan Òran) / Learn more about Ruaraidh MacLeòid (Ruaraidh Mòr nan Òran)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.