Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Art MacCarmaig.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Art MacCarmaig.
O thugaibh moladh mòr do Dhia,
gach fìne t' ann fa leth;
Seadh molaibh Dia gun fonnmhor àrd,
gach uile shluagh air bith.
Oir 's mòr a choibhneas tròcaireach,
a dheònaich e dhuinn fèin;
Tha fìrinn Dè sìor-mhaireannach.
Molaibh Iehobhah treun.
Molaibhse Dia. Na theampall naomh,
molaibhse Dia gu mòr:
An speuraibh àrd a chumhachd fòs
molaibh e mar is còir.
Airson a ghnìomhairean ro-threun,
molaibhse Dia 's gach àit';
A rèir a mhòrachd molaibh e,
's a ghlòir a ta ro-àrd.
Le guth na trompaid mar an ceudn'
molaibhse Dia gu binn:
Air clàrsaich seinnibh moladh dha,
is air an t-saltair ghrinn.
Molaibh Iehobhah treun (x4)
Le tiompan thugaibh moladh dha,
san dannsadh mar an ceudn';
Le organ togaibh suas a chliù
's le inneal-ciùil nan teud.
Air ciombalaibh ta labhair binn
molaibhse Dia gun tàmh:
Molaibhse Dia air ciombalaibh,
nì tairm is fuaim ro àrd
Gach uile dhùil sam bith ta beò,
gam bheil an deò nan crè,
Àrd-mholadh iadsan Dia gu mòr
Molaibh Iehobhah treun.
Molaibh Iehobhah treun.

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...
Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaigCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.