Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.
Is toigh leam Dia, airson gun d' èisd
rim ghuth, 's rim ùrnaigh fòs.
A chionn gun d'aom e rium a chluais
sìor èigheam ris rim bheò.
Chaidh umam dòrainn gheur a' bhàis,
ghlac piantan ifrinn mi:
Theann-ghlacadh mi le trioblaid thruaigh,
is àmhghar cruaidh dom chlaoidh.
Air ainm Iehòbhah ghair mi 'n sin,
(mar seo a' labhairt ris.)
O Dhia mò Thighearn, guidheam ort,
saor m'anam bochd a-nis.
A ta Iehòbhah gràsmhor, ceart;
's is tròcaireach ar Dia.
'S e ghleidheas daoine sìmplidh ciùin':
lag bha mi, 's dh'fhòir an Triath.
An sealladh Dhè, an tìr nam beò,
gu dìreach gluaisear leam.
Do bhrìgh gun chreid mi, labhair mi;
's mi air mo chlaoidh gu trom.
Am dheifir thubhairt mi mar seo;
'S breugach gach duin' air bith.
Ciod dh'ìocas mi do Dhia, airson
na rinn e dhomh de mhath?
Cupan na slàinte glacar leam,
air ainm Dhè gaiream fhèin.
Iocam mo bhòid do Dhia a-nis
an làth'r a shluaigh gu lèir.

Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...
Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' MhaoileinCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.