Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: Norrie MacÌomhair agus Sineag Nic an t-Saoir.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: Norrie MacÌomhair and Sineag Nic an t-Saoir.
Tha 'n Tighearn iochdmhor tròcaireach,
's mall fhearg, 's is pailt a ghràs.
Cha bhi e tagradh rinn do shìor
's cha ghlèidh e fhearg gu bràth.
A rèir ar peacaidh iomarcaich,
dìoghaltas oirnn cha d' rinn;
'S a rèir ar ciont' is easaontais
cha tug e luigheachd dhuinn.
Oir mar os ceann na talmhainn tha
na speuran àrd gach rè,
Is amhlaidh sin tha thròcair mòr
don dream don eagal e.
Mar tha an àird an ear 's an iar
a' gabhail fad o chèil';
'S co fhad a chuireas Dia nan gràs
ar peacaidh uainn gu lèir.

'S ann à Càrlabhagh, Leòdhas a tha Norrie 'Tàgo' MacÌomhair. Nuair a bha e 15 chaidh e do Sgoil Ciùil na Gàidhealtachd anns a' Phloc, ...
Fiosrachadh air Norrie MacÌomhair / Learn more about Norrie MacÌomhair
Rugadh agus thogadh Sìneag Nic an t-Saoir ann an Cille Pheadair ann an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Sineag Nic an t-Saoir / Learn more about Sineag Nic an t-SaoirCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.