Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain.
Sèist / Chorus
'S tu mo rùn a mhaighdeann chiùin,
'S tu mo rùn-sa thar gach cailin,
'S tu mo rùn a mhaighdeann chiùin,
'S e mo dhùrachd thu bhith mar rium.
'S caoine leamsa dreach do ghnùis,
'S modhail thu an cùirt nan gallan,
Mar an àirneag moch fo dhrùchd,
Tha do shùilean ciùine, meallach.
B' e mo mhiann a bhith riut dlùth,
Grian air chùl is drùchd a' laighe,
Cuach ag goirsinn air an stùc,
S duilleach ùr a' lùbadh tharainn.
'S cinnteach mi mun tig bliadhn' ùr,
Mas a dùth dhuinn a bhith maireann,
Thèid an t-snaim an ceangal dlùth,
'S còir le cliù air rùn nan cailin.

Bha Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiùireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gàidhlig ma ...
Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille ChiarainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.