Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair Grannd agus air a sheinn le: anna mhàrtainn.
This is a song written by: Alasdair Grannd and sung by: anna mhàrtainn.
Sèist / Chorus
Is truagh nach robh mi còmhla riut
Sna h-àitean far am b' eòlaich sinn
Is dh'fhaodainn-sa bhith sòlasach
A' siubhal bheann is gleann
Is machraichean gach latha leat.
Bha mi greis sa bhaile mhòr
'S gu dearbha cha robh mi sona ann
Na sràidean cruaidh is faramach
Cha tèid mi air ais gu bràth
'S nan daoine th' ann cho aineolach.
B' fheàrr leam a bhith 'n seo gu bràth
Am measg nan daoin' is aithne dhomh
Chan iarrainn ach bhith còmhla riut
Is laigh is 'g èirigh slàn
'S gach latha a bhios mi maireann leat.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.