Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir a' Loch a Tuath agus uilleam macDhòmhnaill.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir a' Loch a Tuath and uilleam macDhòmhnaill.
Sèist / Chorus
'S toigh leam cruinneag dhonn nam bò,
Shiùbhlainn leat tro choille nan cnò.
'S toigh leam cruinneag dhonn nam bò.
'S toigh leam cruinneag dhonn na h-àirigh
Dhan tug mi mo ghràdh 's mi òg.
'S toigh leam cruinneag dhonn na h-àirigh
'S e do ghràdh a rinn mo leòn.
'S toigh leam banarach na buaile
Buain an fhraoich gu dath a' chlò.
'S toigh leam banarach na buaile
Aig a bheil dà ghruaidh mar ròs.
'S toigh leam banarach a' ghlinne
Chuireadh air mhire laoigh òg'.
Shiùbhlainn leat tro choill' a' bharraich
Ged bhiodh càch a' fanaid oirnn.
Shiùbhlainn leat tro choill' an anmoich
Ged bhiodh càch a' seanchas oirnn.
Ri cur a' chrodh-laoigh don innis,
Dh'aithnichinn a' tighinn do cheòl.
Chaidh Còisir Loch a Tuath a stèidheachadh ann an 1984. Bha còisir òigridh, Còisir Òg a' Bhac, a chaidh a' stèidheachadh ann an 1978 airson ...
Fiosrachadh air Còisir a' Loch a Tuath / Learn more about Còisir a' Loch a TuathCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.