Òran air a sgrìobhadh le: Rob MacAoidh (Rob Donn) agus air a sheinn le: Eilidh NicChoinnich agus gillian nicChoinnich.
This is a song written by: Rob MacAoidh (Rob Donn) and sung by: Eilidh NicChoinnich and gillian nicChoinnich.
Sèist / Chorus
'S olc a dh'fhàg an-uiridh mi,
An-uiridh, 'n-uiridh, 'n-uiridh mi;
'S olc a dh'fhàg an-uiridh mi,
An-uiridh dh'fhalbh an gille uam.
Cheart cho luath 's a dh'imich thu,
San tìr shuas gun d' innis iad;
'S ged bha do ghaol mar theine dhomh,
Chan fhaiceadh càch mi sileadh leis.
'S e thug dhomhs' siud iomrachadh
Eagal mo chliù a mhilleadh leis;
'S ged bheirinn èigh a chluinneadh tu
Gum faiceadh càch nach pilleadh tu.
Nis on chaidh thu às an tìr,
'S iad do dhaoin' as fine leam;
Gur h-e do ghaol is tinne dhomh,
'S do chliù o chàch as binne leam.

Rugadh Eilidh NicChoinnich ann an Goillspidh ann an 1967 agus ghluais an teaghlach gu Leòdhas nuair a bha i ceithir bliadhna a ...
Fiosrachadh air Eilidh NicChoinnich / Learn more about Eilidh NicChoinnichCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.