Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Màiri NicAonghais.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Màiri NicAonghais.
'S muladach mi 's mi air m' aineoil
Hì rì ri rì ri abh o
'S èisleineach mi sa chluain-rainich
Ho ro ho hao ri o ho hurubhi iù ho ro ho.
'S èisleineach mi sa chluain-rainich
Hì rì ri rì ri abh o
Coimhead bhuam air cuan na Hearadh
Ho ro ho hao ri o ho hurubhi iù ho ro ho.
Coimhead bhuam air cuan na Hearadh
'S nach fhaic mi tighinn mo leannan
'S nach fhaic mi tighinn mo leannan
Geugaire fionn, foinne, fearail
Geugaire fionn, foinne, fearail
'S gile do thaobh nan fhaoileann mhara
'S gile do thaobh nan fhaoileann mhara
'S deirge do ghruaidh na cruach air chrannaibh
'S deirge do ghruaidh na cruach air chrannaibh
Sùil ghorm san aodann nach greannach
Sùil ghorm san aodann nach greannach
Mala chaol gun chaochladh sealladh
Mala chaol gun chaochladh sealladh
Fiacail bhàn am beul gun sgainnir
Fiacail bhàn am beul gun sgainnir
Ach na faighinn siud air m' aineachd
Ach na faighinn siud air m' aineachd
Mac 'ic Ailein bhith san fheamainn
Mac 'ic Ailein bhith san fheamainn
Dubhar nan tonn a' dol thairis
Dubhar nan tonn a' dol thairis
Bhiodh a' bhaintighearna aig an sgalaig
Bhiodh a' bhaintighearna aig an sgalaig
'S an tighearna òg a' bruich an arain
'S an tighearna òg a' bruich an arain
'S Mac Nèill a' feitheamh na fallaid

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghaisCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.