Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Friseal agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig charadail agus còisir ghàidhlig steòrnabhaigh.
This is a song written by: Dòmhnall Friseal and sung by: còisir ghàidhlig charadail and còisir ghàidhlig steòrnabhaigh.
Sèist / Chorus
'S i mo leannan an tè ùr
'S guirme sùil 's is caoile mala
Tè cho math 's gan tig an gùn
Dh'fhàg i m' inntinn tùrsach.
'S ged nach eil mi pailt de stòr
Dhèanainn seòl, a ghaoil, air t-aran;
Mharbhainn breac air linne lòin
'S damh na cròic 's a bhùireadh.
Tha mo chridhe tùrsach trom
M' inntinn cha tog fonn ri ealain
Tha lionn-dubh orm fo thuinn
Mo nighean donn an t-sùgraidh.
Tha do chneas mar shneachd air lòn
Muineal caoin cho geal 's an canach,
Cas as deise thèid am bròig
Nach dèan feòrnan lùbadh.
Tha do ghruaidhean mar an ròs
Beul is bòidhche shèideas anail
Mala chaol mar it' an eòin
Rùisg is bòidhche dhùineas.
Ged a bhithinn-sa cho òg
'S gum b' e màireach tùs mo latha,
'S mi nach trèigeadh gaol na h-òigh
Airson diomb luchd diùrrais.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.