'S Gann gun Dìrich mi Chaoidh

Òran air a sgrìobhadh le: Tormod MacNeacail agus air a sheinn le: An Dotair Ailean Dòmhnallach agus maggi agus erika.

This is a song written by: Tormod MacNeacail and sung by: An Dotair Ailean Dòmhnallach and maggi agus erika.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

'S gann gun dìrich mi chaoidh
Dh'ionnsaigh frìthean a' mhonaidh
'S gann gun dìrich mi chaoidh.

'S truagh nach robh mi ann an Glàmaig
'S ise làn agam air tulaich.

'S mi bhith 'g amharc air na slèibhtean
Far am bi na fèidh a' fuireach.

Far am bi 'n damh 's a chùl brùite
Nuair rachainn-sa le m' rùn air uillinn.

'S fhuair mi litir o na h-uaislean
Nach fhaodainn fhìn a dhol a mhonadh.

'S tha mo ghunna caol air meirgeadh
Cha tèid mi don t-seilg leis tuilleadh.

'S tha e 'n crochadh air na tàirnean
'S cha b' e siud leam àite fuireach.

Pàdraig Mòr an Ceann Loch Aoineart
Rinn e foill 's cha d' rinn e buinnig.

'S bidh mi nis a' falbh na h-Innsean
'S chan fhaic mi mo nighneag tuilleadh.

'S chan fhaic Pàdraig mi air fàire
'S cha chluinn e stàiririch mo ghunna.

Seinneadairean / Performers

An Dotair Ailean Dòmhnallach

'S ann à Harrapul am paraiste an t-Srath san Eilean Sgitheanach a bha Ailean Dòmhnallach, Ailean Chrìsdein, mar a chante ris. Duine mòr a bha ...

Fiosrachadh air An Dotair Ailean Dòmhnallach / Learn more about An Dotair Ailean Dòmhnallach

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.